An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Manuel Murillo Toro"

Content deleted Content added
Loidhne 7:
Rugadh Manuel Murillo Toro ann am baile beag ris an canar Chaparral, anns an [[Tolima (Roinn)|Tolima]], ann an [[1816]]. Chaidh e a chur gu [[Bogotá]] airson [[Leigheasachd]] ionnsachadh, ach leig esan an cùrsa sin airson an [[lagh]] ionnsachadh, agus dh’obair e airson Vicente Azuero agus Lino de Pombo nuair e na oileanach fhathast; thug e ceum ann an 1836.
 
Thoisich e a chuid obrach am broinn a’ Mhòr-dhail ann an [[1837]] agus bha e an siud rè [[Cogadh nan Supremos]] ([[1840]] – [[1843]]), na fhear-chuideachaidh dhe corra cheann-feadhna a’ Phàrtaidh Libearalach. Fhuair e àite dhàsan fhèin anns [[Pàrlamaid|a’ Phàrlamaid]] ann an [[1846]], agus nach e deagh [[òraidiche]] a bh’ ann, rinn e iomadh oraid gus a chuid bharaillean taobh bheachd-smuaintean agus an slighe air adhart a thoirt gu buill, is easan air a bhith gam brosnachadh anns na meadhanan libearalach bho thoiseach na [[1840an]]. Bha e na Rùnaire (ministear) an [[Ionmhas|Ionmhais]] anns an Riaghaltas aig [[José Hilario López]] ([[1849]] – [[1853]]), far an do bhrosnachadh e saorsa an gnìomhachais agus Lagh Ath-Leasachadh an [[àiteachas|Àiteachais]] dhe [[1850]], leis an t-Sluagh-ghairm ''Bu chòir dha obair an fhearainn a bhith ri chùlaibh sealbhadaireachd an fhearainn'' is an lagh sin a’ feuchainn ri smachd laghail a chur air trusadh an fhearainn aig fear neo dithis; chaidh sin neartachadh aig ìre a’ Bhun-Reachd mu dheireadh thall ann an [[1936]].
 
== Tagraiche ==