An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Manuel Murillo Toro"

Content deleted Content added
Loidhne 15:
== Ceann-suidhe ==
 
Chaidh Stàit Uachdaranachd na [[Santander (Roinn)|Santander]] a chur air dòigh sa bhliadhna seo fhèin, agus Murillo Toro ga thaghadh do Bharail Riochdairean na Stàite mar a’ chiad cheann-suidhe aige airson teirm bho 16 [[an Dàmhair|an Damhair]] [[1857]] gu ruige 16 [[an Dàmhair|an Damhair]] [[1859]]. Leig esan a dreuchd sin 10 [[am Faoilleach]] [[1859]] o chionns gun d’fhuair e àite anns an t-Seanadh. Ghabh Murillo Toro pàirt anns [[Co-chruinneachadh Rionegro|a’ Cho-chruinneachadh Rionegro]] ann an [[1863]]. Le sin; fhuair an dùthaich [[Bun-Reachd]] ùr agus ainm eile: [[Stàitean Aonaichte Choloimbia]]. An ath-bhliadhna rinn Murillo Toro an gnothach ann an taghaidhean a’ chinneas airson teirm dhe dà bhliadhna gu ruige [[1866]], agus a-rithist airson teirm eile eadar [[1872]] agus [[1874]]. Steidhich esan am pàipear fiosrachail an Riaghaltais, an '''Diario Oficial''' (Am Pàipear Oifigeil). Cho-dhùin e gur e prìomh amas obair an Riaghaltais Sìth Sòisealta a lorg, tro mheadhan a’ chòmhradh. A bharrachd air sin, chuir e ùrachadh [[bun-structar]] na dùthcha air dòigh: mar eisimpleir, thug e an teileagraf a Choloimbia, a dh’aindeoin a chuid ghràin sgafanta an aghaidh eadar-theachdachadh na Stàite anns an [[eaconamaidhEaconomaidh]]. Le sin, ‘s e dìreach esan fhèin a chuir air bhog an smaoineachadh poiliteagach, ris an canar [[Libearalas]] Raidigeach.
 
== Iomraidhean ==