An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Manuel Murillo Toro"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 8:
 
Thoisich e a chuid obrach am broinn a’ Mhòr-dhail ann an [[1837]] agus bha e an siud rè [[Cogadh nan Supremos]] ([[1840]] – [[1843]]), na fhear-chuideachaidh dhe corra cheann-feadhna a’ Phàrtaidh Libearalach. Fhuair e àite dhàsan fhèin anns a’ Phàrlamaid ann an [[1846]], agus nach e deagh [[òraidiche]] a bh’ ann, rinn e iomadh oraid gus a chuid bharaillean taobh bheachd-smuaintean agus an slighe air adhart a thoirt gu buill, is easan air a bhith gam brosnachadh anns na meadhanan libearalach bho thoiseach na [[1840an]]. Bha e na Rùnaire (ministear) an Ionmhais anns an Riaghaltas aig [[José Hilario López]] ([[1849]] – [[1853]]), far an do bhrosnachadh e saorsa an gnìomhachais agus Lagh Ath-Leasachadh an Àiteachais dhe [[1850]], leis an t-Sluagh-ghairm ''Bu chòir dha obair an fhearainn a bhith ri chùlaibh sealbhadaireachd an fhearainn'' is an lagh sin a’ feuchainn ri smachd laghail a chur air trusadh an fhearainn aig fear neo dithis; chaidh sin neartachadh aig ìre a’ Bhun-Reachd mu dheireadh thall ann an [[1936]].
 
== Tagraiche ==
 
Bha e na thagraiche Ceannas [[Poblachd Ghranada Ùr|a’ Ghranada Ùire]] ann an [[1857]] (an t-ainm a bha air Coloimbia aig an àm) airson bhuidhne am broinn nam Libearalach, agus fhuair e an darna àite, ri chùlaibh an Tòraidh [[Mariano Ospina Rodríguez]] ach chuir e buaidh air an t-seann cheann-suidhe [[Tomás Cipriano de Mosquera]] (Tòraidh o shean ach a-nis tagraiche buidheann eile nam Libearalach).
 
== Iomraidhean ==