An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tunja"

Content deleted Content added
Loidhne 42:
=== Ceannsachadh a’ Bhaile ===
 
‘Se ceannsachadh gu math furasda a bh’ann an dèidh gun do deach Quemuenchatocha a chur an greim le Jiménez de Quezada. A dh'aindeoin sin, chaidh esan a leantainn fhad ‘s a bha e beò fhathast leis a’ cheann-feadhna òg [[Aquiminzaque]], am fear-ionlaid aige fhèin. Chaidh Aquiminzaque agus na luchd-leantainn aige a chur an greim le Pérez de Quezada cuideachd. Bha sàrachadh mòr anns a’ bhaile ùr leis gu robh Aquiminzaque airson a dh’èirigh suas an aghaidh na Spàinntich: Bha e gu math soilleir gum b’ urrainn dhàsan a chuid dhaoine a chruinneachadh leis gun do nochd, air latha a’ mhargaidh, 10 cinn-feadhna na roinne anns a’ char as lugha (Toca, Motavita, Samacá, Turmequé, nam measg). ‘S e cur gu bàs Aquiminzaque, ann an ceàrnag a' bhaile dìreach aon bhliadhna an dèidh ga chur an greim le Pérez de Quezada agus feachdan na Spàinne, a chuir crìoch air iomairt sìtheachadh na roinne. ‘S e samhla bristeadh saoghal nan Tùsanach is iad gan sgaoileadh fo bhuaidh nan Spàinnteach air feadh na Roinne Tunja a bh’ann an droch dhìol sin.
 
== Daoine Ainmeil ==