An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tunja"

Chaidh 1,114 baidht a chur ris ,  10 bhliadhnaichean air ais
=== Tunja nuair a ràinig na Spàinntich ===
Mar iomadh sgìre Muisca, bha uiread mhòr dhe taighean gan sgaoileadh air feadh na roinne anns an làrach far an do steidhich na Spàinntich am Baile. Bha dùn neo dhà aig cinn-fheadhna mar Quemuenchatocha, Aquiminzaque Aquim/Quiminza agus an ceann-fheadhna aig Boyacá, anns na h-àiteachan àrda air an àirde an iar a' bhaile, ris an canar San Lázaro an latha an-diugh. A bharrachd air sin, bha corra thaigh air leathadan na cnuic air an àirde an ear cuideachd, bhon an t-slighe gu Santafé gu ruige làrach ann an ceann a tuath a' bhaile.
 
=== Ceannsachadh a’ Bhaile ===
 
‘Se ceannsachadh gu math furasda a bh’ann an dèidh gun do deach Quemuenchatocha a chur an greim le Jiménez de Quezada. A dh'aindeoin sin, chaidh esan a leantainn fhad ‘s a bha e beò fhathast leis a’ cheann-feadhna òg Aquiminzaque, am fear-ionlaid aige fhèin. Chaidh Aquiminzaque agus na luchd-leantainn aige a chur an greim le Pérez de Quezada cuideachd. Bha sàrachadh mòr anns a’ bhaile ùr leis gu robh Aquiminzaque airson a dh’èirigh suas an aghaidh na Spàinntich: Bha e gu math soilleir gum b’ urrainn dhàsan a chuid dhaoine a chruinneachadh leis gun do nochd, air latha a’ mhargaidh, 10 cinn-feadhna na roinne anns a’ char as lugha (Toca, Motavita, Samacá, Turmequé, nam measg). ‘S e cur gu bàs Aquiminzaque, ann an ceàrnag a' bhaile dìreach aon bhliadhna an dèidh ga chur an greim le Pérez de Quezada agus feachdan na Spàinne, a chuir crìoch air iomairt sìtheachadh na roinne. ‘S e samhla bristeadh saoghal nan Tùsanach is iad gan sgaoileadh fo bhuaidh nan Spàinnteach air feadh na Roinne Tunja a bh’ann an droch dhìol sin.
 
== Daoine Ainmeil ==
Cleachdaiche gun ainm