An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tunja"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 17:
}}
 
‘S e baile meadhananch ann an [[Coloimbia]], agus prìomh-bhaile na roinne [[Boyacá (Roinn)|Boyacá]], a th’ann '''Tunja'''.<ref>http://www.lablaa.org/blaavirtual/revistas/credencial/septiembre2009/tunja.htm</ref> Tha e suidhichte ann an iar-mheadhan na dùthcha anns an sgìre ris an canar Alto (Àrd) Chicamocha. Tha farsaingeachd dhe 118 km² aige, 87% dhuibh air an dùthaich agus 13% anns a’ bhaile fhèin. Tha meadhan a’ bhaile Tunja suidhichte aig 2,775m os cionn ìre na [[muir|mara]], ach tha an t-àite as àirde am broinn crìochan a’ bhaile aig 3,200m os cionn ìre na mara, ri taobh Cucaita. Tha an t-àite as ìsle suidhichte aig 2,400m os cionn ìre na mara, ri thaobh Moniquirá.
 
Tha crìochan aige leis na bailtean beaga dhe Motavita agus Cómbita air an ceann a tuath, le Oicatá, Chivatá agus Soracá air an àirde an ear, le Boyacá, Ventaquemada agus Samacá air an ceann a deas, agus mu dheireadh thall le Samacá, Sora agus Cucaita air an àirde an iar. Chaidh e a steidheachadh leis na Spàinntich 6mh [[an Lùnasdal]] [[1539]].