An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Carlos E. Restrepo Restrepo"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
[[File:Carlos E Restrepo.jpg|thumb|right|200px|Carlos Restrepo Restrepo]]
 
Rugadh '''Carlos Eugenio Restrepo''' (Carlos E. Restrepo), ann am [[Medellín]],
[[Coloimbia]]<ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref>, air 12mh [[an t-Sultain]] [[1867]] agus chaochail e an-siud fhein air 6mh [[an t-Iuchar]] [[1937]]. ´S e mac Pedro Antonio Restrepo agus Cruzana Restrepo Jaramillo a bh´ann. Thoisich e air an [[lagh]] a dh´ ionnsachadh aig an Àrd Institiùd an Ionnsachaidh ([[Spàinntis]]: Instituto de Enseñanza Superior) ach leig e an oithigh nuair a thoisich an [[cogadh sìobhalta]] dhe [[1885]]. A bharrachd air sin, bha e an sàs anns a´ [[Cogadh na Mìle Làithean|Chogadh na Mìle Làithean]], mar cheann-fheadhna air na feachdan aig an Tòraidh [[Pedro Nel Ospina]]. An uair sin dh´ionnsaich e lagh na aonar is mu dheireadh thall dh´obair e mar fhear-lagh ann an oifis laghail an athar aige.
Bha sàr chùrsa beatha spaideil aige, is ruig e a bhith na cheann-suidhe na dùthcha. Phòs e Isabel Gaviria air 16mh dhen [[an Giblean|Ghiblean]] [[1890]]. Fhuair iad naoinear daoine-chloinne ri chèile, Margarita, bean an [[Feallsanachd|fheallsanaiche]] [[Fernando González (ùghdair)|Fernando González]] nam measg. Le teirm a´chinneas aige seachad, thill e gu Medellín far an robh e an sàs anns an gnìomhachas prìobhìaideach. Chaidh e air ais gu saoghal a´phoileataigs is e an sàs anns an Riaghaltas aig [[Enrique Olaya Herrera]] mar mhinistear an Riaghaltais is mar thosgair ann an [[Cathair na Bhatacain]]. Bhàsaich e san taigh aige ann am Medellín leis an fhiabhras-clèibhe, air 6mh [[an t-Iuchar]] [[1937]].