An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Daibhidh II, Rìgh Alba"

Content deleted Content added
na cinn
bNo edit summary
Loidhne 43:
==Na Sasannaich a' bagairt a-rithist, agus teicheadh dhan Fhraing==
Ach an uair sin thugadh ionnsaigh na bu challmhoire buileach air Alba leis an rìgh [[Eideard III Shasainn]], a rinn sgrios mòr air an arm Albannach aig [[Blàr Halidon|Halidon]], tuath air [[Bearaig]], ann an [[1333]], agus chaidh an rìgh òg agus a bhan-righ a chur a-nall dhan [[an Fhraing|Fhraing]] gus am biodh iad sàbhailte ann an cùirt Philip VI.
 
<br>[[File:Nevilles Cross.jpg|thumb|left|400px|Blàr ''Neville's Cross'', 17 an Dàmhair 1346 (''Chronicle'' aig Jean Froissart)]]
 
==Tilleadh a dh'Alba, is cogadh le Sasainn air sgàth na Frainge==
<br>Ann an [[1341]], bha e sàbhailte dha tilleadh a dh'Alba agus cha b'fhada gus an do ghabh e smachd air an dùthaich air fad. Ach ann an [[1346]], bha na Sasannaich a' bagairt ionnsaigh a thoirt air an Fhraing agus dh'iarr Philip VI cuideachadh air Alba. Ann an spiorad an t-seann caidreachais eadar Alba san Fhraing, chaidh Daibhidh agus arm mòr Alba thairis air an Abhainn [[Tuaidh]] a-steach do Shasainn san Dàmhair, ach thugadh buaidh orra le Sasannaich a' chinn a-tuath aig cath aibhiseach [[:en:Battle of Nevilles Cross|Crois Neville]] air taobh a-muigh ballaichean-dìona [[Durham]]. Ged a shabaid Daibhidh e fhèin gu treun, chaidh a thoirt am brùid agus bhiodh e na phrìosanach ann an Sasainn airson aon bliadhna deug.
 
==Na phrìosanach an Sasainn==
Chuir Daibhidh seachad aon bliadhna deug na phrìosanach ann an [[:en:Odiham Castle|Caisteal Odiham]], siorrachd [[:en:Hampshire|Hampshire]]. Thugadh urram dha leis na Sasannaich gus bha cead aige seòrsa cùirt a bhith aige fhad's a bha e na phrìosanach. Dh'iarr na Sasannaich eirig de 100,000 mearcaichean air Alba mus cuireadh iad ma sgaoil e; a chionn's gun robh an dùthaich cho bochd san àm thug seo ùineachan, ach mu dheireadh chaidh co-aontachadh eadar an dà dhùthaich a shoidhnigeadh ann am [[Bearaig]] (1357), agus chaidh an rìgh a shaoradh.
 
==Air ais an Alba==
 
==Bas Dhaibhidh==
 
 
<br>[[File:Nevilles Cross.jpg|thumb|left|400px|Blàr ''Neville's Cross'', 17 an Dàmhair 1346 (''Chronicle'' aig Jean Froissart)]]
 
[[Category:Rìghrean]]