An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Mariano Ospina Pérez"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 10:
 
== Beatha anns a’ Phoileataigs ==
An dèidh a thill e dhan dùthaich ann an [[1914]] thoisich e conaltraidhean a dh’ fighe le ceannardan [[Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia|a’ Phàrtaidh Tòraidh]] agus sheas e aig an taghadh gu Comhairle Mhedellín, far an robh e mar bhall eadar 1915 agus 1917. Chaidh e a thaghadh na bhall pàrlamaid airson Antioquia sa bhliadhna sin, agus an ceann dà bhliadhna chaidh e ainmeachadh mar Àrd-Riaghladair Rèile na h-Antioquia, is b’ urrainn dhàsan na sgilean riaghlach aige a dh’ fhoillseachadh leis an dreuchd sin. Thill e gu Còmhdhail na h-Antioquia ann an [[1921]], agus nuair a chaochail athair sa bhliadhna sin fhèin, lean e mar Reachdadair Colaiste na Mèinnean.
 
Nochd Ospina Pérez air an àrd-ùrlair poileataigeach nàiseanta mar sheanadair ann an [[1922]], am bliadhna nuair a chaidh a bhràthair athar, Pedro Nel Ospina, a thaghadh mar cheann-suidhe na dùthcha. Ged nach e deagh òraidiche a bh’ann air adhbharan meidigeach (cha b’ urrain dhà a ghuth a thogail a-riamh), fhuair e cliù is onair eadar a chuid companaich leis cho foghlaimte a bha e taobh eaconamaidh agus gnìomhachas an nàisein. An dèidh teirm na sheanadair, chaidh Ospina a dh’ ainmeachadh Ministear na h-Obrach Poblach leis a’ cheann-suidhe [[Miguel Abadía Méndez]], ach cha do mhair e ach ochd mìosan san dreuchd sin (1926-1927).