An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Daibhidh II, Rìgh Alba"

Chaidh 1,308 baidht a chur ris ,  10 bhliadhnaichean air ais
teacsa
b
(teacsa)

Rinn [[Alba]] gàirdeachas mòr nuair a rugadh Daibhidh sa Mhàrt, [[1324]]. Ged a bha an rìgh mòr [[Raibeart Brus|Raibeart]] cha mhòr lethcheud bliadhna dh'aois, agus a bhean [[Ealasaid de Burgh]] mu chòig bliadhna deug thar fhichead, bha a-nise oighre fireann aige mu dheireadh thall, rud a bha a' gealltainn sonas is seasmhachd dhan dùthaich agus do sliochd nam [[Rìghrean na h-Alba#Na Brusaich|Brusach]].

Thathas ag ràdh gun deach an leanabh ainmeachadh airson [[Daibhidh I, Rìgh Alba|Rìgh Daibhidh I Alba]], fear dhen a' chiad rìghrean a thug Alba fo smachd agus a thug a-mach buaidh, agus rìgh san robh Raibeart a' cur sùim nach beag.

Ann an [[1328]], rinn Alba is Sasainn [[Còrdadh Northampton]] eadarra, aontachadh-sithe a thug [[cogaidhean neo-eisimeileachd Alba]] gu crìche. Chaidh aontachadh le na riochdairean Albannach is Sasannach gun rachadh am prionnsa Daibhidh pòsadh ris a' bhana-phrionnsa Shasannach [[Joan an Dùin]], nighean [[Eideard II Shasainn|Eideird II Shasainn]] agus phòs iad nuair nach robh Daibhidh ach ceithir bliadhna a dh'aois.

Chaochail [[Raibeart Brus|Raibeart]], athair Dhaibhidh, san Ògmhios [[1329]] agus gun a làimh cinnteach air an stiùir, thugadh ceum air ais ann an Alba. [[Ghabh Eideard Balliol]], mac le [[Iain Balliol]], bràth air an t-suidheachadh seo agus shoirbhich leis aig [[Blàr Dhupplin]] ([[1332]]). Chaidh Balliol a chrùnadh na Rìgh Alba, mas fhìor, ann am [[Peairt]] ach chaidh a sgiùrsadh a-mach às an dùthaich goirid às dèidh sin.

Ach an uair sin thugadh ionnsaigh na bu challmhoire buileach air Alba leis an rìgh [[Eideard III Shasainn]], a rinn sgrios mòr air an arm Albannach aig [[Blàr Halidon|Halidon]], faisg air [[Bearaig]], ann an [[1333]], agus chaidh an rìgh òg agus a bhan-righ a chur a-nall dhan [[an Fhraing|Fhraing]] gus am biodh iad sàbhailte ann an cùirt Philip IV.

[[File:Nevilles Cross.jpg|thumb|left|400px|Blàr ''Neville's Cross'', 1346 (''Chronicle'' aig Jean Froissart)]]
760

deasachadh