An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Seumas I, Rìgh na h-Alba"

Content deleted Content added
bNo edit summary
bNo edit summary
Loidhne 32:
Cho luath agus a thill e dh'Alba, thug e os làimh dòighean-riaghlaidh ùra, a bhiodh a' daingneachadh cumhachd an rìgh agus a chuid mhinistearan. Bha e mar amas aige a dhùthaich air fad a chumail fo riaghladh laghan, agus dh'ath-nuadhaich e [[Pàrlamaid na h-Alba]] a rèir eisempleir Pàrlamaid Shasainn. Ged-tà cha robh leisg air làmhachas-làidir a chur gu feum, agus dh'fhàs cuid dhe na h-uaislean diombach dheth nuair a dh'fhiosraich iad crìonadh an cuid cumhachd. <br><br>
 
Chaidh a mhurt le feadhainn dhe na [[Greumaich]] ann am manachainn [[Peairt|Pheairt]] air an 21mh latha dhen a' Ghearran, [[1437]], ged a shabaid e gu treun ri a chuid nàimhdean.<br><br>
 
Uair eile, mar a bha bitheanta ri linn nan [[Rìghrean na h-Alba#Na Stiùbhartaich|Stiùbhartaich]], dh'fhàgadh Alba fo stiùir oighre òg, [[Seumas II Alba|Seumas II]], nach robh ach na naoidhean fhathast.