An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Seumas I, Rìgh na h-Alba"

Content deleted Content added
bNo edit summary
teacsa
Loidhne 26:
|'''Àite-tiodhlacaidh:'''||[[Peairt]]

Bha Alba na dùthaich an-riaghailteach nuair a bha Seumas glè òg, agus chuir athair, [[Raibeart III, Rìgh Alba|Raibeart III]], a-null dhan Fhraing e gus am biodh e sàbhailte. Ach chaidh am bàta a ghlacadh leis na Sasannaich agus chaidh Seumas a chuir an grèim leotha. Bho nach robh e ann, chaidh Alba a riaghladh le tanaistearan. Cha deach a chur ma sgaoil gu [[1420]], nuair a phàigh na h-Albannaich an eirig a chaidh iarraidh orra.

Na phrìosanach, fhuair e sgoil math ann an cùirt Shasainn, agus thuit e ann an gaoil ri [[Joan Beaufort]], co-ogha [[Rìgh Eanraig VI]] Shasainn. Phòs iad mus do thill e a dh'Alba. Rè ùine, bhiodh ochdnar cloinne aca.

Cho luath agus a thill e dh'Alba, thug e os làimh dòighean-riaghlaidh ùra, a bhiodh a' daingneachadh cumhachd an rìgh agus a chuid mhinistearan. Bha e mar amas aige a dhùthaich air fad a chumail fo riaghladh laghan, agus dh'ath-nuadhaich e [[Pàrlamaid na h-Alba]] a rèir eisempleir Pàrlamaid Shasainn. Ged-tà cha robh leisg air làmhachas-làidir a chur gu feum, agus dh'fhàs cuid dhe na h-uaislean diombach dheth nuair a dh'fhiosraich iad crìonadh an cuid cumhachd.

Chaidh a mhurt le feadhainn dhe na [[Greumaich]] ann am manachainn [[Peairt|Pheairt]] air an 21mh latha dhen a' Ghearran, [[1437]], ged a shabaid e gu treun ri a chuid nàimhdean.