An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Oilthigh an Rosario"

Content deleted Content added
Created page with 'thumb|right|200px|Oilthigh an Rosario ‘S e '''Oilthigh an Rosario''' (Spàinntis: ''Colegio Mayor de Nuestra Señora...'
(Gun diofar eatarra)

Mùthadh on 12:16, 7 dhen Dàmhair 2009

‘S e Oilthigh an Rosario (Spàinntis: Colegio Mayor de Nuestra Señora del Rosario) fear dhe na oilthighean as cudromaiche ann an eachdraidh Choloimbia. Tha e suidhichte ann am Bogotá. ‘S e oilthigh prìobhaideach a th’ann agus chaidh e a steidheachadh ann an 1653.

Faidhle:Universidad del Rosario - Quinta de Mutis.JPG
Oilthigh an Rosario

Dhen bheachd iomadh luchd-ceuma uallach ‘s e "Creathal na Poblachd" a th’ann, leis gur e an seo far an do chuir iad oidheamachan na neo-eiseimileachd air ghleus agus tha a chuid oideachaidh air a bhith gu math cudromach gu beatha na dùthcha.

Tha 28 cinn-suidhe na Poblachd air ceum a ghabhail an seo, a bharrachd air breitheamhan, luchd-casaidean, àrd sheirbheisich na Stàite, oilthighich, ollamhan, luchd-lagh ainmeil agus daonairean.

Fhuair Oilthigh An Rosario duais airson sàr-mhathanas airson sia bliadhna. Chaidh an duais sin ga thoirt seachad le Ministrealachd an Fhoghlaim, tro ordugh 2567 dhe 30mh an t-Ògmhios 2005.

Eachdraidh

Chaidh an colaiste “Colegio Mayor de Nuestra Señora del Rosario” a steidheachadh ann an 1653 le cead bhon Rìgh Felipe IV agus an àrd-easbaig Santa Fe Fray Cristóbal de Torres. An uair sin, chaidh e a chur an cèill, tro Cédula Rìoghal dhe 1768 a rèitich Rìgh Carlos III, gur e fìor dheagh cholaiste a bh’ann aig an aon ìre leis na sia sàr-cholaistean na Spàinne. Le sin, thugadh an Rosario an tradisean oilthigheach an Oilthigh Salamanca air adhart ann an Aimearaga.