An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Froilán Largacha"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 18:
 
Bha e na Rùnaire an Ionmhais a-rithist rè an teirm mu dheireadh aig an t-Seanailear ([[1866]]). ‘S e Rùnaire a’ Mhaoineachaidh a bh’ann fon Sheanailear Rudesindo López Delgadillo, Riaghladair a’ Chundinamarca, ann an [[1868]]. Bha e anns an diùraidh a thaghaich am moladh na bu fheàrr airson bun fhoghlam a chur air dòigh air feadh na dùthcha ann an [[1872]]. Fhuair e faothachadh bho Nicolás Pinzón Warlosten a bhith na bhall a’ chiad bhuidheann dhe tìdsearan aig an Oilthigh air Astar (Universidad Externado de Colombia). Bha e na Breitheamh suplente a’ chiad Àrd-Cùirt a’ Cheartais anns an dùthaich, a chaidh a chruthachadh leis a’ Bhun-Reachd dhe [[1886]].
 
== An dèidh a bhàis ==
 
Tha dealbh ann an ola dheth anns an Taigh Tasgaidh Nàiseanta Choloimbia. Chaidh na luaithearan aige a chur san Teampall nan Curaidh (Panteón de Los Próceres) a chaidh fhosgladh ann an [[1940]] ann am [[Popayán]]. A bharrachd air sin tha sgrìobhadh-chuimhne dhàsan anns an sràid Carrera Séptima ann am Popayán.
 
== Iomraidhean ==