An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Eliseo Payán"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 20:
Chaidh e bho [[Popayán|Phopayán]], prìomh-bhaile a’ cheàrna, gu Quibdó is esan anns an dreuchd sin [[1871]] gu ruige [[1876]].
 
Bha an Seanalair Payán an sàs anns a’ chogadh sìobhalta dhe [[1876]] gus an Ceann-Suidhe [[Aquileo Parra Gómez]] a dhìon, ach cha do shabaid e ach an dèidh a bhuannaich na Libearalaich aig Blàr Los Chancos, air sgàth gu robh e na phrìosanach na Feachdan Tòraidh. Chuir an Seanalair [[Julián Trujillo]], ceannard airm a’ Chauca, esan os cionn bhuidhne-chatha; agus shabaid e an aghaidh Feachdan Tòraidh na h-Antioquia agus bhuannaich e aig Blàr Batero.
Ann an [[1879]] chuir e airm air dòigh airson Riaghladair a’ Chauca, air a bheil Garcés, a chur às a’ chathair, agus thug e an t-ùghdarras sìobhalta dha [[Ezequiel Hurtado]], is esan ga thaghadh Ceann-Suidhe Stàit A’ Chauca.