An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Santos Gutiérrez Prieto"

Content deleted Content added
Loidhne 11:
Chaidh e a chur an greim còmhla ri buidheann dhe na càirdean aige agus ga fhastadh le airm an Riaghaltais, ga chur gu rèisimeid dhe shaighdearan ùra airson a' Chogaidh Sìobhalta, agus le sin bha e an sàs ann an Còmhrag an Tuatha an aghaidh na ''guerrillas'' dùbhlanach; 's e saighdear an Riaghaltais a bh'ann.
 
An dèidh a' bheatha sin fo armaibh rè na [[1840an]], b' urrainn dha crìoch a chur air a chuid fhoghlaim aig an Oilthigh Central agus thug e ceum anns an Lagh 28mh [[an t-Samhain]] [[1845]]. An ceann dà bhliadhna, 1 9mh [[an Giblean]] [[1847]], chaidh e a dh'ainmeachadh AbogadoFear Lagh le àrd-cùirt a' cheartais.
 
Shabaid Santos Gutiérrez an aghaidh an [[Deachdaire]] José María Melo ann an [[1854]]. Dh'aontaich e ris na feachdan laghail agus thug e pàirt gu sgafanta anns na cathan aig Tierra Azul (neo Cordonal) agus aig Pamplona, agus an uair sin bha e an sàs anns a' chòmhstri airson Bogotá, is iad a' cur ruaig air na feachdan aig Melo.