An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Eduardo Santos"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 6:
 
A dh’aindeoin gu do bhàsaich athair òg (ann an [[1900]]), b’ urrainn dhàsan lagha a dh-ionnsachadh aig a’ cholaiste Colegio Mayor de Nuestra Señora del Rosario, ach thug e an ceum aige bho [[Oilthigh Nàiseanta Colombia|Oilthigh Nàiseanta Choloimbia]] is an uair sin shiubhail e gu [[Paris]] airson a chuidh fhoghlaim a choileanadh, is e ag ionnsachadh Litreachas agus Eòlas-comainn an siud. An dèidh a thilleadh dhan dhùthaich aige ann an [[1909]], thoisich e a dh’obair anns na meadhanan fo [[Tomás Rueda Vargas]] agus an uair sin anns a’ phàipear-naidheachd ''El Tiempo'', a steidhich a bhràthair-cèile Alfonso Villegas Restrepo ann an [[1911]]: cheannaich Santos am pàipear sin ann an [[1913]]. Bha e na riochdaire dhe ''El Tiempo'' rè 25 bliadhna agus bho an sin dhìonadh esan beachdan a’ Phàrtaidh Libearalach agus chumadh e taobh le miannan phoileataigeach a’ Phàrtaidh.
 
A dh’aindeoin gur e fìor Libearalach a bh’ann, bha e fhèin an sàs ann an steidheachadh a’ Phàrtaidh Poblachdach, fo [[Carlos Eugenio Restrepo]]. Nuair a ràinig esan an Ceannas ([[1910]] – [[1914]]) dh’ainmich e Santos gu mòran dreuchdan aig ìre meadhanach ann am Ministrealachd na Dùthchannan Cèin. An dèidh gun do chuireadh às a’ Phàrtaidh Poblachdach, thill e dhan Phàrtaidh Libearalach ([[1921]]) agus air sàilleach a chliù mar fhear-aithris, chaidh e a dh’ainmeachadh riochdaire iomairt a’ chinneas aig [[Enrique Olaya Herrera]], airson na taghaidhean ann an [[1930]]. An dèidh a’ bhuaidh aige, chuir Olaya e os cionn Ministrealachd na Dùthchannan Cèin agus a bharrachd air sin bha àite aige anns an t-Seanaidh rè an teirm sin ([[1930]]- [[1934]]) agus bha e na Riaghladair ann an Santander cuideachd. An uair sin, rè an riaghaltais aig [[Alfonso López Pumarejo]] ([[1934]] – [[1938]]) bha e os cionn na Buidhne Coloimbianach aig Lìog na Nàiseanan.