An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Neach-ainmichte (Coloimbia)"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
'S e fear neo tè - ball an t-seanaid neo ball a' chaibineit a-mhàin - ga thaghadh airson dreuchd [[Cinn-suidhe Choloimbia|a' Chinn-suidhe]] a dheànamh nuair a bhiodh esan air dhìth, tinn, marbh neo ga chur bho fheum, fo Bhun-Reachd Choloimbia dhe [[1886]]. Bha an siostam sin uabhasach cudromach ann an dùthaich far an robh e glè dhoirbh dha na luchd-poileataigs a' phrìomh-bhaile a ruigsinn leis cho gann 's a bha deagh mhodhan-ghiulain. Mar eisimpleir, anns an nobhail ''100 bliadhna dhe uaigneas'' le [[Gabriel José García Márquez|Gabriel García Márquez]] ([[1967]]), thug litir le fiosrachadh inntinneach bho Mhacondo, ann an ceann an tuatha na dùthcha, tòrr bhliadhna airson Bogotá a ruigsinn.<ref>García Márquez, Gabriel (1967) ''Cien años de soledad''. Editorial Sudamericana, Buenos Aires. [[ISBN 84-376-0494-X]], página 4</ref>
 
A bharrachd air sin, bha an Seanaid airson a' chinn-suidhe fo smachd, leis gun do chleachd iomadh cheann-suidhe an dreuchd aca mar [[deachdaire|dheachdaireachd]], mar eisimpleir [[Rafael Reyes]] ann an [[1904]]<ref>[http://web.presidencia.gov.co/asiescolombia Presidencia de Colombia]</ref>. Tha Coloimbia air tòrr chogadh sìobhalta a fhulang, is le sin b' fheudar dha iomadh cheann-suidhe na feachdan armachd a stiùireadh air an dùthaich, mar eisimpleir [[Pedro Alcántara Herrán]] ann an [[1841]]<ref>[http://web.presidencia.gov.co/asiescolombia Presidencia de Colombia]</ref>. Thaghadh an Seanaid an neach-ainmichte aige dìreach aig toiseach toisichidh gach uile Bliadhna reachdail, ged an robh an ceann-suidhe fhèin ga thaghadh leis an t-sluagh airson teirm dhe ceithir bliadhna. Seo Artagail 77 Bun-Reachd Choloimbia dhe 1886, far a bheil <ref>[http://www.cervantesvirtual.com/servlet/SirveObras/68062733439359617422202/index.htm Bun-Reachd Choloimbia 1886]</ref>
 
''Artagail 77.- Thaghaidh am Mòr-dhail, anns na coinneamhan coitcheann aige agus airson dà bhliadhna, an neach-ainmichte a ghabhas a làmh air a' Cheannas, ma bhios an Ceann-suidhe agus an leas ceann-suidhe air dhìth.''