An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Domingo Caycedo Santamaría"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 18:
Chaidh [[Joaquín Mosquera]] a thaghadh na cheann-suidhe na Poblachd leis a’ Mhòr-dhail, agus an Seanailear Domingo Caicedo na leas ceann-suidhe 4mh [[an Cèitean]] [[1830]], agus bha e os cionn an Riaghaltais gu ruige 5mh [[an t-Ògmhios]], nuair a thàinig Mosquera gu [[Bogotá]]. Bha e os cionn an Riaghaltais a-rithist bho 2na [[an Lùnasdal]] [[1830]] gu ruige 17mh. Leig Mosquera agus Caicedo na dreuchd aca mar cheann-suidhe agus leas ceann-suidhe 4mh [[an t-Sultain]] mar thoradh dhe thachartasan còmhla ris a’ bhuidhne-aire ''Callao'', agus thug an Seanailear Rafael Urdaneta làmh an uachdair air an Riaghaltas mar [[deachdaire|dheachdaire]] an ath latha.
 
Cho-dhùin an Seanailear Caycedo a dhol dhan oighreachd aige, ris an canadh “Saldaña”, leis cho doirbh ‘s a bha an suidheachadh. Cha robh an cogadh fad às, ge-tà. Thug an Seanailear Caicedo an ceannas os làimh ann am Purificación 14mh [[an Giblean]] [[1831]], air iarrtas na ceannardan a bha airson an òrdugh laghail a dhìon agus leis gu robh Mosquera air dhìth. Chaidh e a-steach gu [[Bogotá]] 2 an Cèitean. Thug Comhairle na Stàite an Ceannas dhàsan an ath latha. Cho-ghairm esan Co-chruinneachadh Ghranada, air an robh dleastanas Poblachd a steidheachadh, 7mh [[an Cèitean]]. Shuidh a’ Bhuidheann sin 20mh [[an Damhair]]. Air iarrtas an t-Seanailear Caicedo chaidh an Seanailear [[José María Obando]] a thaghadh mar leas ceann-suidhe leis a’ Cho-chruinneachadh, is thug esan an ceannas os làimh, an àite Caycedo, 23mh [[an t-Samhain]] [[1831]]. Ann an [[1832]] bha e os cionn Ministrealachd A’ Mhaoineachaidh anns an Riaghaltas aig an t-Seanailear [[Francisco de Paula Santander]]. Fhuair e ballrachd an t-Seanaidh ann an [[1833]] is e a’ riochdachadh Bogotá. Thill e dhan Riaghaltas ann an Neiva airson an treas turas ann an [[1836]]. Chaidh e a thaghadh na leas ceann-suidhe na [[Poblachd a-rithistGhranada Ùr]] ann an [[1840]] rè na Riaghaltasan aig [[José Ignacio de Márquez Barreto]] agus an Seanailear [[Pedro Alcántara Herrán]].
 
‘S e athair Domingo Caycedo Jurado (le Juana Jurado Bertendona) agus Francisco Javier Caycedo Jurado a bh’ann (eadar càch), is iad daoine uabhasach cudromach taaobh phoileataigs ann an Tolima, far an robh oighreachdan mòra aca ann am Purificación, San Luis, Saldaña agus Cunday, agus ann am bailtean eile<ref>[http://www.lablaa.org/blaavirtual/ayudadetareas/poli/poli73.htm Lista de presidentes de Colombia de la Biblioteca Luis Angel Arango]</ref>.