An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Oidhche Shàmhach (òran)"

Content deleted Content added
b robot Adding: ln:Butú pi!
b robot Modifying: vi:Đêm thánh vô cùng; cosmetic changes
Loidhne 1:
'S e aon de na h-òrain as ainmeile air feadh an t-[[an Saoghal|Saoghail]] aig àm na [[Nollaig|Nollaige]]e a tha ann an '''Oidhche Shàmhach''' (''Silent Night'' 'sa [[Beurla|Bheurla]], ''Stille Nacht'' ‘sa [[Gearmailtis|Ghearmailtis]]). Chaidh an teacsa tùsail a sgrìobhadh leis an t-sagart Josef Mohr agus chuir an tìdsear Franz Gruber fonn air na rosgrannan.

== An t-òran ==
[[ImageFile:Stille nacht.jpg|thumb|300px| Teacsa agus leadan bho Franz Gruber]]

Sgrìobh Josef Mohr na facail anns a' bhliadhna [[1816]] anns a' bhaile bheag ''Mariapfarr'', [[An Ostair]]. Ron Nollaig [[1818]] dh' fhaighnich e de Franz Gruber fonn a chur air na facail. Rinn Gruber e agus sgrìobh e ceòl giotàr cuideachd. Chaidh an t-òran a sheinn airson a chiad turas anns an aifreann meadhan oidhche anns an Eaglais Naomh Nicholas ann an ''Oberndorf'', [[An Ostair]].

Tha mòran sgeulachdan mun cuairt mun aifreann seo. Tha feadhainn ag ràdh gun robh am piano anns an eaglais briste, canar feadhainn eile, gun do chòrd ri Mohr a bhith a’ cluich an giotàr.

Ach tha e fior gun robh Mohr agus Gruber a’ gabhail na rannan mar òran-charaid, agus gun do sheinn iad an sèist chòmhla ri còisir. Chluich Mohr an giotàr aig an aon àm.
Chòrd an t-òran gu mòr ris an luchd-creidheimh.

Ach cha robh e ach gu [[1833]] nuair a bha Mauracher, neach-obrach piano bhon Ziller Valley, a’ gabhail an òrain ann an [[Leipzig]] còmhla ri luchd ciùil eile. Chòrd an t-òran seo ris an luchd èisteachd fior mhath. Bhon uair sin chaidh an t-òran a sgaoileadh air feadh an t-Saoghail.

'S e òran gu math iomraiteach a tha ann. Thachair gun do stad an t-sabaid san [[An Cogadh Mòr|Chogadh Mòr]] aig oidhche na Nollaige 1914 ([[:en:Christmas truce|Chrismas truce]]) agus thòisich na saighdearan an t-òran Oidhche Shàmhach a sheinn còmhla.

An-duigh tha e air a h-eadar-theangachadh gu còrr is 300 [[cànan]] agus dual-chainntean.<ref>[http://silentnight.web.za Silent Night Web]: eadar-theangachadh gu 130 cànan</ref>
Loidhne 25:

{|class="wikitable"
|'''Seo an teasca as cùmanta
‘sa Ghearmailtis'''
|'''Teacsa Ghàidhlig'''

Loidhne 51:
''Christ, der Retter ist da!''

''Oidhche shàmhach, oidhche naomh,''

''B'e buachaill chunnaic fòs an t-soills''

'''S a chuala farsaing feadh na tìr''

''An t-sèisd bh’aig ceòl an aiglean binn:''

''Tha criosd, am Fear-saoraidh, ‘nur còir,''

''Tha criosd, am Fear-saoraidh, ‘nur còir.''

Loidhne 66:
''Christ in deiner Geburt!''

''Oidhche shàmhach, oidhche naomh,''

''Aon Mhac Dhé, cho maiseach leinn;''

''Tha gràdh a’ boillsgeadh oirnn bho d’ghnùis''

'''S tha uair nan gràs an dràsd dhuinn dlùth,''

''Shlànaighear, o’n rugadh tu,''

''Shlànaighear, o’n rugadh tu.''

== Josef Mohr ==
[[ImageFile:Silentnightdistrict.jpg|thumb|300px|right|''Stille Nacht Kapelle'' (Eaglais bheag Oidhche Shàmhach) ann an Oberndorf]]

Rugadh Joseph Franz Mohr air 11 latha den Dhùbhlachd [[1792]] ann an [[Salzburg]], [[an Ostair]]. Dh’ionnsaich e sagartachd agus bhon bhliadhna 1815 bha e na shagart. An toiseach bha e ag obair ann an Ramsau faisg air [[Berchtesgaden]], ([[a' Ghearmailt]]) agus an uair sin ann am Mariapfarr far an do sgrìobh e an dàn ''Stille Nacht'' (Oidhche shàmhach) le sia rannan. Anns a' bhliadhna 1817 ghluais e gu Oberndorf airson dà bhliadhna. S e seo far an do dh’ fhaighnich e do Gruber, fonn a chur ris na rannan.

As dèidh an dà bhliadhna ann an Oberndorf, dh’imrich Mohr bho àite gu àite eile, gus mu dheireadh thall (1837) dh’fhuirich e ann an [[Wagrain]], [[an Ostair]]. Dh’fhosgail e sgoil ùr airson cloinne bochda agus chuir e siostam air bonn airson cùram a ghabhail do seann duine. Aig 4mh latha den Dhubhlachd [[1848]] chaochail e mar duine bochd o chionn gun d’ tug e an tuarasdal aige gu daoine a bha dhìth air. Chaidh a thiodhlacadh ann am Wagrain.

Thaghadh muinntir Wagrain ainm Mohr mar ainm na sgoile ann an Wagrain airson urram a thoirt air an sagart. Bhon bhliadhna 2006 tha taisbeanadh maireannach mu Mohr ri fhaicinn anns an taigh-tasgaidh Wagrain.

== Franz Gruber ==
Rugadh Franz Xaver Gruber 25mh latha den t-Samhainn [[1787]] ann an ''Unterweizberg'', [[an Ostair]]. B’e tidsear a bha ann agus bha e ag obair anns an sgoil ann an Arnsdorf, 3 cilemeatair air falbh bho Oberndorf. Aig an aon àm bha e na organaiche agus neach-stiùiridh na còisire anns an Eaglais Naomh Nicholas ann an Oberndorf. Chruthaich e binn airson an òran Oidhche shàmhach agus chuir e rèiteachadh giotàr ris.

Bliadhnaichean an dèidh seo dh’ imrich e gu Hallein, far an do chaochaill e air an 7mh latha den Iuchar [[1863]].

Ach cha robh sin an t-aonar òran a rinn e, sgrìobh e barrachd òrain-gàirdeachais a bhios air an seinn fhathast anns na h-eaglaisean air feadh na h-Ostaire an-diugh.

== Oberndorf ==
[[ImageFile:Oberndorfoldbridge.jpg|thumb|400px|right| Seann Oberndorf 1899, tha an Eaglais Naomh Nicholas ri faicinn air an culaibh]]

'S e baile beag anns [[an Ostair]] a tha ann an “Oberndorf bei Salzburg”. Tha e suidhichte air bruach an Abhainn Salzach. Tha am baile mu 17 cilemeatair san tuath bho Salzburg. Tha timcheall air 5000 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin.

Aig deireadh an 19mh linn bha am baile còmhdaich le uisge às an abhainn, chaidh sgrios mòr air a dhèanamh ris a' bhaile. B’fheadar do muinntir a’ bhaile an àite fàgail agus baile ùr a thogail. Chaidh an Eaglais Naomh Nicholas a chur sios ann an 1906. Ach bha na daoine ag iarradh àite eile air ais airson cuimheachaidh den òran. Eadar 1924 agus 1937 thog iad eaglais bheag ris an canar Stille-Nacht-Kapelle (Eaglais bheag Oidhche Shàmhach).

An diugh bidh mòran luchd turais a' tighinn don àite seo, gu h-àraidh aig àm na Noilleige. Gach bliadhna air an 24mh latha den Dùbhlachd aig 5 uaireann feasgar bidh an t-òran Oidhche Sàmhach ri cluintinn anns an aifreann. 'S urrainnear an aifreann a choimhead air feadh an t-Saoghail.
<ref>[http://www.stillenacht.info/de/kapelle/d_webcam.asp Silent Night Webcam (Salzburg)]</ref>

== Iomraidhean ==
<references/>

== Ceanglaichean a-muigh ==
*[http://www.stillenacht.at/en/ Silent Night Association, Salzburg]
*[http://silentnight.web.za/history/index.htm Eachdraidh an òrain]
*[http://www.stillenacht.at/en/mohr.asp Beatha Joseph Mohr]
*[http://www.stillenacht.at/en/gruber.asp Beatha Franz Gruber]
*[http://www.visit-salzburg.net/surroundings/silentnightchapel.htm Oberndorf]

[[Category:Ceòl]]
Loidhne 153:
[[tr:Sessiz Gece, Kutsal Gece]]
[[uk:Тиха ніч]]
[[vi:Đêm Thánhthánh Cùngcùng]]
[[zh:平安夜 (歌曲)]]