An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Julián Trujillo Largacha"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 2:
 
B’e '''Julián Trujillo Largacha''' stàitire, fear-lagha, fear-poileataigs agus saighdear à [[Coloimbia]]<ref>[http://web.presidencia.gov.co/asiescolombia Presidencia de Colombia]</ref><ref>[http://www.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/cuspair/duthchannan/ Dùthchannan aig SMO]</ref>. Rugadh e ann am [[Popayán]] 28mh [[am Faoilleach]] [[1828]] agus chaochail e ann am [[Bogotá]] 18mh [[an t-Iùl]] [[1883]]. Bha e na cheann-suidhe na dùthcha eadar [[ 1878]] agus [[1880]]. Ged an tug e ceum anns an [[Lagh]], thug an t-airm buaidh na bu treasa na [[sgoilearachd]] laghail air a’ ghaisgeach sin. Shabaid esan, mar iomadh cheann-suidhe na dùthcha rè an [[19mh linn]], an aghaidh an [[deachdaire]] [[José María Melo]], a thuilleadh air Riaghaltas [[Co-chaidreachas Ghranada|A' Cho-chaidreachas Ghranada]] a bha aig [[Mariano Ospina Rodríguez]]. ‘S e ball a’ Phàrtaidh Libearalaich a bh’ann, agus thugadh e pàirt ann am mòran cho-labhairte ri taobh na Libearalaich. Bha e na mhinistear na Stàite, Ceann-suidhe Stàit Fèin-Riaghlach A’ Chauca, ceannard sìobhalta agus armachd Stàit Fèin-Riaghlach na h-[[Antioquia (Roinn)|Antioquia]] a measg dreuchdan eile<ref>[http://www.lablaa.org/blaavirtual/biografias/trujjuli.htm Biblioteca Luís Ángel Arango]</ref>.
 
== Ceannas na Poblachd ==
 
Ach gu dearbh, ‘s e leis gu robh Julian Trujillo os cionn na feachdan a chuir às na Tòraidhean a rinneadh ar-a-mach armachd rè a’ cheannais aig [[Aquileo Parra]] a cho neartaich an co-dhùnadh aige ri sheasamh mar thagraiche làidir gu Ceannas na Poblachd. Rinn Trujillo an gnothach gu math furasda air a’ cho-fharpaiseach na bu dhlùithe air, an Seanalair Tomás Rengifo, Riaghladair Stàit na h-Antioquia, leis gun do bhuannaich na feachdan aige '''Blàr los Chancos''' (Roinn Valle del Cauca an latha an-diugh). Tha e uabhasach cudromach gun do rinn [[Manuel Murillo Toro]], seann cheann-suidhe agus ceannard nam Libearalach, dubh chàineadh air Trujillo mar thagraiche air sàilleabh gum biodh esan comasach air cus ghèilleadh a dhèanamh dha Núñez, agus le sin an cumhachd a thoirt dha na Tòraidhean, rud a mhilleadh na h-adhartasan a rinneadh na daoine radaigeach rè 25 bliadhnachan anns an Riaghaltas.