An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Robert Louis Stevenson"

Content deleted Content added
Loidhne 9:
==Sgrìobhaidhean==
Bha Stevenson a' sgrìobhadh sgeulachdan mu thràth nuair a bha e na ghille, agus nochd a' chiad fhoillsechadh aige, ''The Pentland Rising: a Page of History, 1666'', an clò nuair a bha e 16 bliadhna a dh'aois (dh'fhoillsich athair an leabhran). B' e a' chiad rud air do fhuair e airgead an aiste ''Roads'', agus ann an 1868, sgrìobh e a chiad leabhar, ''[[An Inland Voyage]]''. 'S e sin leabhar mu dheidhinn siubhail ann an curach Innseanach a rinn e anns an [[An Fhraing|Fhraing]] agus a' [[A' Bheilg|Bheilg]] dà bhliadhna roimhe sin.
 
Sgrìobh Stevenson air a' choisechad aige anns an Fhraing anns an leabhar ''[[Travels with a Donkey in the Cévennes]]'' (1879), agus air na siùbhlaichean a rinn e ann an [[Na Stàitean Aonaichte|Aimearaga]], far an robh e a' leantainn a bhean ri teachd, Fanny Vandegrift Osbourne, ann an ''[[The Amateur Emigrant]]'' (tiotal buileach: ''The Amateur Emigrant from the Clyde to Sandy Hook'', air a sgriobhadh ann an 1879-80, ach air fhoillseachadh ann an 1895, aon bhliadhna an dèidh a bhàs), ''[[Across the Plains]]'' (1892) agus ''[[The Silverado Squatters]]'' (1883, mu dheidhinn siùbhlaichean mìos nam pòg aca).