An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rathad-iarainn"

Content deleted Content added
Loidhne 24:
Chaidh leasachadh air an teicneolas mean air mhean- bho meadhan an 18mh linn chuireadh cinn iarainn air na gadaibh fhiodh agus ro dheireadh an linn rinneadh gadan-ruithe as iarainn leaghta. Thanaig cuibhlicean iarainn a-steachd as deidh 1750 agus ro deireadh an linn rinneadh an siud 's an seo [[bòrd-claoin fein obrachaidh]].
 
Is ann an 1722 a chaidh togail air a' chiad ród-uagain an [[Alba]], eadar [[Ród-uagain Tranent agus Cockenzie|Ród-uagain Tranent agus Cockenzie]] air Raon ghuail a Lódaidh, agus is ann an 1754 a chaidh fhosgail air a chiad ród-uagain an [[Eireann]], eadar an slochd ghuail aig Drum Glas an [[Contae Tir Éoghainn]] agus canal leth mhile air falbh.
Thuraich an t-inneal smuid róthadachd aig [[Seumas Bhatt]] ann an 1784, inneal steidhichte a bha seo a chleachd smuid bho goilear fa-leth aig bruthaich gu math iosal. Taobh a-steachd deich bliadhna thoisich an Córnach [[Risteard Trevithick]] a thogail innealan “paisgte” air an robh an goilear na bunachar don inneal fhein agus a chleachd “smuid laidir” aig bruthaicheas suas ri 40 punnd air an oirleach chearnag ( 2.5 ailean). Thog Trevethick inneal smuid fein-ghluasad cho trath ri 1801 agus ann an 1804 rinn e inneal a ruitheadh air gadan airson fear a sheilbh obraichean iarainn agus rathad trama aig Pen-y-Darren an Cymru a Deas.