An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An t-Ath-Leasachadh"

Content deleted Content added
b robot Modifying: ar:إصلاح بروتستانتي; cosmetic changes
Loidhne 1:
[[ImageFile:Luther_with_tonsure.gif|thumb|right|Màrtainn Lùtair (Martin Luther)]]
 
B’e '''an t-Ath-Leasachadh''' (Sa [[Bheurla]] an "Reformation" ) an t-àm nuair a chaidh beachdan agus teagasg nan [[eaglais]]ean [[Pròstanach]] a stèidheachadh agus iad a briseadh air falbh bhon an eaglais [[Caitligeach]]. Thoisich an gluasad Pròstanach le daoine ag iarraidh air atharraichean fhaicinn anns an [[Eaglais Caitligeach]] ann an taobh an Iar na [[Roinn Eòrpa]]. Thoisich an t-Ath Leasachadh ann an [[Sagsainn-Anhalt]] le [[Martin Luther|Màrtainn Lùtair]] agus 95 argamaidean a chuir e air adhart ris an eaglais ann an cruth billeag-iarrtas a chaidh a stopadh air doras Eaglais na Caisteal ann an [[Wittenberg]] aig deireadh an [[Damhair]] sa bhliadhna [[1517]].
 
== Suidheachadh ==
 
=== Suidheachadh poileataigeach ===
An toiseach den [[16mh linn]] bha Ìompaireachd Naomh Romanach nan Gearmailteach briste ann an mòran sgìrean beaga. Bha “Reichfürst” anns gach sgìre, duine uaisle a bha na uachdaran. Bha an t-Ìompairear Tearlach V a’ crochadh air a’ chùmhachd a bha aca. Ach bha Tearlach V trang anns [[ an Spàinn|an Spàinnt]]t, anns [[an Olaind]] agus anns [[an Eadailt]] cuideachd, agus bha cogadh ann an aghaidh na [[ an Fhraing|Fraingich]] agus na [[an Tuirc|Tuircich]].
 
=== Suidheachadh sòisealta ===
Aig an aon àm thàinig tòrr atharrachaidhean:
*Teicnealos ùr, m.e: inneal clò-bhualadh aig [[Johannes Gutenberg]]
Loidhne 14:
*Beachdan ùra, m.e.: Bha [[William of Ockham]] den bheachd gu bheil inntinn saor aig gach neach air leth an àite lagha Dhia agus gum biodh e nas fheàrr nam biodh dealachadh eadar eaglais agus stàit ann.
 
=== Suidheachadh am broinn na h-eaglaise ===
Bha eagal air na daoine abhaisteach fon na ministearan agus na [[Peanas (creideamh)|peanasan]] aca. Ach aig an aon àm chaidh a’ mhoraltachd anns an eaglais sìos. M. e. B’ urrainn do na easbaigean an dreuchd aca a cheannachd, neo fhuair iad i tro dhìleab. Mar sin bha feum aca ri [[airgead]] fhaighinn airson an doigh beatha comhfhurtail a chumail an àite cuideachadh a thoirt do na daoine bhochda. Mar sin bha sunnd aig na daoine an aghaidh na h-eaglaise.
[[ImageFile:Arcimboldus,_aflatsbref,_Nordisk_familjebok.png|thumb|right|Litir-logadh]]
Bha feum aig a’ [[Pàp|Phàpa]] ri airgead fhaighinn cuideachd airson àrd-eaglais [[An Ròimh|na Ròimhe]] ùr a thogail. Mar sin dh’ fhàs a’ mhalairt le litrichean-loghadh uabhasach cudthromach: B’ urrainnear litir-loghadh a cheannachd airson mathanas fhaighean airson na mearachdan a rinneadh. Bha ministearan a’ siubhal air feadh an dùthaich gan reic. Dh’fhàs iad ainmeil tron sanas: Ma bhios an t-airgead a’ gliogadaich anns a’ bhocsa, bidh an t-anam a’ leum às a’ phurgadair.
 
== Bun-bheachdan Mhàrtainn Lùtair ==
[[ImageFile:95Thesen.jpg|thumb|right|na 95 argamaidean Lùtair]]
B’ e sin an t-àm far an do sgrìobh [[Martin Luther|Màrtainn Lùtair]] na 95 argamaidean mar deasbad [[diadhaireachd]]. Seo na bun-beachdan a bha aige:
*'''sola scriptura''': Tha am [[Bìoball]] a-mhàin bonn a’ chreideamh [[Iosa Chrìosd|Crìosdail]].
*'''solus Christus''': Tha an cùmhachd os cionn na luchd creideamh aig [[Dia]] a-mhàin.
*'''sola gratia''': Dìreach tro thròcairean Dhè a-mhàin bidh na daoine sàbhailte.
*'''sola fide''': Bidh na daoine barrantach tron [[creideamh|chreideamh]] a-mhàin.
 
== Buil ==
=== anns a’ Ghearmailt ===
Chaidh am foillseachadh thron chlò-bhualadh ùr gu math luath eadar a h-uile daoine. O chionn’s gun robh na daoine deiseil agus deònach airson ath-nuachaidh, chleachd iad na argamaidean Lùtair airson na h-eaglaise fhagail. Theich mòran [[manaich|manachan]] agus caileachan dhubha às na manachainnean cuideachd. Cha robh na Reichfürsten deonach airgead a phaigeadh don Phàpa tuilleadh. Mar sin chaidh iad uile ri cheile airson eaglais nuadh a’ steidheachadh ris an cante [[Eaglais Pròstanach]]. Thàinig an t-àinm bhon fhacal ghearmailteach „Protest“ a tha a’ ciallachadh casaid, gearan.
 
Ach bha an t- Ìompairear trang anns a’ chogadh an-aghaidh na Tuircich. Nuair a chunnaic e, dè bha a’ tachairt anns [[a' Ghearmailt]], bha e ro anmoch. Bha cogadh ann eadar sgìrean [[Caitligeach]] agus sgìrean Pròstanach air feadh a’ Ghearmailt. O chionn’ s gun robh e a’ chrochadh na daoine uaisle, thàinig lagha ùr: „wessen Land, dessen Glaube “. B’ e sin a’ ciallachadh: Nan robh creideamh Pròstanach aig an duine uaisle, b’ fheudar a h-uile daoine anns an sgìre aige a bhith nan Pròstanach cuideachd. Ach b’ e sin an t-abhbhar airson „cogadh airson 30 bliadhna“ 100 bliadhna an-dèidh sin.
 
Gu mi-fhortunach chleachd Thomas Müntzer na beachdan Mhàrtainn Lùtair airson saorsachadh a thoirt do na tuthanaich. Rinn iad ùpraid ann an tòrr àiteachean, gus an robh an Bauernkrieg ann (cogadh-tuathanaich [[1524]]-25).
 
=== anns an [[Roinn Eòrpa]] ===
Chleachd daoine eile na beachdan Lùtair airson eaglaisean ùra a’ stèidheachadh cuideachd, m.e. [[Huldrych Zwingli]] às [[an Eilbheis]] (Reformed Churches) neo [[Calvin]] às [[an Fhraing]] (Calvinism). Chaidh na Anglican Churches a stèidheachadh ann an [[Sasainn]].
 
Mu dheireadh thall bha Council of Trent ([[1546]]-[[1563]]) anns an eaglais Caitligeach, le atharrachaidhean am broinn na h-eaglaise. Ach bha e ro anmoch. Bhon uair sin bha eaglais Caitligeach agus eaglais Pròstanach ann. B’e sin an t-àm, nuair a chaill an eaglais an cùmhachd os cionn na luchd-creideamh. Thòisich na stàitean air an eaglais fhagal.
 
[[Category:Eachdraidh|Ath-Leasachadh]]
Loidhne 49:
[[als:Reformation]]
[[an:Reforma Protestant]]
[[ar:إصلاح بروتستانتي]]
[[ar:الإصلاح البروتستانتي]]
[[bat-smg:Refuormacėjė]]
[[be:Рэфармацыя]]