An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Medellín"
Content deleted Content added
b 20 revisions: Gemäß Antrag: http://de.wikipedia.org/w/index.php?oldid=63621886 |
b Medellín gluaiste ri User:Sionnach/Medellín: prepare versions history merging |
||
Loidhne 1:
{{Template:Baile
| AINM = Medellín<br />Municipio de Medellín<br /> Baile Medellín
| BRATACH = Bandera de Medellin-Colombia.PNG
| LÙIREACH = Escudo de Medellin.png
| LÙIREACH_LEUD = 60
| MAPA = MunsAntioquia Medellin.png
| DÙTHAICH =[[Coloimbia]]
| CEÀRN = [[Antioquia Department|Antioquia]]
| SGÌRE =
| LEUD = 6° 14′ 9.33″ Tuath
| ASTAIR = 75° 34′ 30.49″ Iar
| FARSAINGEACHD = 382
| ÀIREAMH_SHLUAIGH = 2223078
| BLIADHNA = 2005
| FÒN =
| DUILLEAG = [http://www.medellin.gov.co/alcaldia/index.jsp Riaghaltas Mhedellín]
}}
'''Medellín''' ([[Spàinntis]]: [[IPA]]:[með̞eˈʝin] neo [með̞eˈʎin]), gu h-oifigeil ''Municipio de Medellín'' (Spàinntis) neo ''Baile Medellín''. 'S e an dàrna baile as motha ann an [[Coloimbia]] a th' ann. Tha e anns [[A' Ghleann Aburrá]], fear dhe na gleanntan as mu thuath [[Beanntan Andes|na h-Andes]] ann an [[Aimearaga a Deas]]. Tha sluagh dhe 2.4 muillean aige.<ref>{{cite web|last=Helders|first=Stefan|url=http://www.world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&dat=32&geo=-55&srt=npan&col=aohdq&pt=c&va=&srt=pnan|title=World Gazetteer: Colombia: largest cities: calc 2006|accessdate=2006-06-15}}</ref><ref>{{cite web|last=Butler|first=Rhett|year=2003|url=http://www.mongabay.com/igapo/Colombia.htm|title=Largest cities in Colombia (2002)|accessdate=2006-06-15}}</ref> 'S e an dàrna tuineachadh as motha ann an Coloimbia a rèir an t-sluaigh a th' ann, le a barrachd air 3.2 millean duine, san àite 95 eadar na bailtean as motha na cruinne, ma thoirear a-staigh an sgìre mu a thimcheall, [[Ceàrn Cathaireil a' Mhedellín]] (''Area Metropolitana de Medellín'').
Chaidh Medellín a stèidheachadh ann an 1616 leis an [[An Spàinn|Spàinnteach]] [[Francisco Herrera Y Campuzano]] mar ''El Poblado de San Lorenzo'' (Tuinneachadh Naoimh Lawrence) anns an sgìre ris an canar ''El Poblado'' gus an-diugh. Ann an 1675 stèidhich A' Bhanrìgh Companach [[Mariana na h-Ostaire]] am ''Villa de Nuestra Señora de la Candelaria'' ("Baile Naoimh Mhàiri à Chandelaria").
Ann an 1826 chaidh am baile ainmeachadh prìomh-bhaile na [[Roinn Antioquia |Roinne Antioquia]] le ùghdarrasan co-àiteachail na Spàinne. Ann an 1803 chaidh an [[Oilthigh Antioquia]] a stèidheachdh agus 's e aon de na h-oilthighean as buaidheach ann an Coloimbia a th' ann. An dèidh do Choloimbia an neo-eisimeileachd bhon [[An Spàinn|Spàinnt]] a bhuanachadh, bha Medellín na phrìomh-bhaile na Stàit Feadaral Antioquia gus 1888, le èigheachd [[Bun-Reachd]] na Coloimbia ann an 1886. 'S e làrach malairteach fiùghantach bh' ann am Medellìn rè na 19mh linn, tro as-mhalairt an [[òr |òir]] aig an toiseach, agus an uair sin tro chinneasachadh agus as-mhalairt a' [[cofaidh|chofaidh]]. An dèidh [[Cogadh na Mìle Làithean]] (1899 — 1902), 's e Medellín a' chiad bhaile ann an Coloimbia a ghabh pàirt anns an [[Tionndadh Gnìomhachais]] le stèidheachadh companaidhean a' chlòtha, agus pròiseactan còmhdhail mar an trèana a mhisnich as-mhalairt, agus stèidheachadh iomadh oithighean agus sgoiltean dreuchdail, is iad a chruthaich [[Clas Buirdeasach Beag]].
Anns a' ceathreamh mu dheireadh na 20mh linn, bha prìomh àros [[Pablo Escobar]] maslach ann am Medellín, ceannard buidheann mhòr eucoirich, a bha an seachdamh duine a bu bheairte san t-saoghal tro mhalairt dhrogaichean, a-rèir aithisg bho [[Forbes|Iris Forbes]] ann an 1989.<ref>{{cite web|url = http://www.cocaine.org/colombia/pablo-escobar.html|title = P. Escobar}}</ref> 'S e an "[[Cairteil a' Mhedellín]]" an t-ainm a chuir na meadhannan anns na Stàitean Aonaichte oirre, a chionn 's gun do stèidhich esan agus a chuid chompanaich an gnothach ann am Medellín.<ref>{{cite web|url=http://www.rakontur.com/2006/10/27/cocaine-cowboys/|title=Cocaine Cowboys|accessdate=2008-05-04|dae=27 October 2006}}</ref> Stiùireadh Escobar cogadh ceannaircich an aghaidh Riaghaltais Coloimbia rè na 80an agus na 90an, ann an cuid gus nach fheuch na h-ùgharrasan ri a thoirt air falbh gu na Stàitean Aonaichte. Chaidh a mharbhadh le feachdan Poilis Coloimbia 2 An Dùbhlachd, 1993.
Fhuair am baile a chuid fhiùghantais gnìomhachasail air ais aig toiseach na 21mh linn, le togail siostaim treànaichean ris an canar [[Metro de Medellín]], agus le polasaidhean leasachaidh na bu shaoire, adhartasan anns an tèarainnteachd agus anns an fhoghlam, agus tro bhrosnachadh a' bhaile aig ìre eadar-nàiseanta mar cheann-uidhe [[turasachd]].
Bheir Ceàrn Cathaireil a' Mhedellín gu buil 67% an [[Làn Thoradh Dùthchail]] aig [[Ceàrn na h-Antioquia]] agus 11% [[eaconomaidh]] na Coloimbia.<ref name="ProExport16">{{cite web|publisher = Proexport Colombia|url = http://www.proexport.com.co/VBeContent/NewsDetail.asp?ID=7658&IDCompany=16|title = Report on Medellín's Economy by 2005|quote = participation of the cities GDP by countries provided by the International Cooperation Agency of Medellín|accessdate = May 8, 2008}}</ref> 'S e roinn chudromach a th' ann am Medellín a thaobh oilthighean, sgoiltean treànaidh, malairte, gnìomhachais, saidheans, seirbheisean na slàinte, tuathanas flùraichean, fèisean, taighean-seinne agus clubaichean.
== Facal-Fhreumhachd an ainm Medellín ==
[[File:Diego Velázquez 032.jpg|right|thumb|100px|[[Mariana na h-Ostaire]].]]
Bha còig ainm air a' bhaile Spàinnteach tùsail ron fhear air a bheil e an-diugh: Aburrá de los Yamesíes, San Lorenzo de Aburrá, San Lorenzo de Aná, Valle de San Bartolomé, agus Villa de la Candelaria de Medellín.
Fhuair am baile an t-ainm aige bhon a' bhaile [[Medellín (Spàinn)|Medellín]], faisg air [[Badajoz]] ann an [[Extremadura]] anns An Spàinnt. Chaidh am Medellín Spàinnteach a stèidheachadh ann an 75 RO le [[Quintus Caecilius Metellus Pius]].<ref name="origin">{{cite web
|url = http://www.medellin.es/psituacion.htm
|title = Ayuntamiento de Medellín (España). Toponímicos de Medellín
|language = Spanish}}</ref>.
Dh'iarr An t-Iarla [[
==
=== Tùsanaich Aimearaganach ===
Seallaidh an fhianais-àrsaidheachd, a fhuaireadh le [[sealgair| sealgairean]] agus [[collecting|luchd-cruinneachaidh]], gun robh daoine a' fuireach anns [[A'Ghleann Aburrá]] o chionn 10,500 bliadhna. Lorg Ceannsaichean Spàinnteach a' ghlinne iomadh bhuidhne, mar na tuatha Aburrá, Yamesí, Pequé, Ebejico, Norisco, agus Maní is iad air a bhith nan tàmh anns a' ghlinne bho mu dheidhinn a' chòigeamh linne. Thug na h-Aburrá an t-ainm orra air a' ghleann. 'S e tuathanaich a bh' annta is chinneadh iad [[cruithneachd Innseanach]], [[pònair]] agus [[cotan]], dh'fhigheadh agus mhaiseachadh iad [[clò]], reiceadh iad [[salann]], agus b' e [[òr-cheàrdaichean]] a bh' annta. Chaill iad an cuid fearrainn fo Riaghailt nan Spànnteach, agus bha iad fo smachd siostam riaghaltais fhiùdalaich. Chaidh iomadh dhuibh a thoirt dha na mèinnean. Chaidh iad uile a mhilleadh anns a' ghleann sin co-dhiù, le tinneasan às an Roinn Eòrpa, a bharrachd air an obair chruaidh agus an droch làimhseachaidh a fhuair iad. Tha daoine le buntaineas do thuatha [[A'Ghleann Aburrá |a' Ghlinne Aburrá]] ann fhathast is iad a' fuireach ann an sgìrean eile ann an Stàit na h-Antioquia, mar eisimpleir ann an [[Urabá Antioquia|Urabá]] agus anns an sgìre ann an àirde a deas agus iar.
=== Taisgealadh Spàinntich a' ghlinne ===
[[File:Jorge Robledo-Busto-Medellin.JPG|thumb|left|110px|
===
[[File:Iglesia de Nuestra Iglesia de la Candelaria-Mede.JPG|160px|thumb|right|
=== Rè linntean fo bhuaidh nan Spàinnteach ===
[[File:Plano de Medellin 1791.jpg|thumb|left|100px|
{{clear}}
[[File:Iglesia La Veracruz-Fachada 2-Medellin.JPG|160px|thumb|right|[[Iglesia de la Veracruz (Medellín)|
Chaidh Colaiste Rìoghail nan Franciscanach a stèidheachadh 180 ann am Plaza Central (Cèarnag Bherrío an latha an-diugh) agus bha roinnean [[Gràmair]], [[Feallsanachd]] agus [[Diadhachd]] aige.<ref>''Suramericana de Seguros'', History of Antioquia, Ed. Presencia Ltda, Medellín, 1988, without ISBN, in Spanish.</ref> Ann an ùine ghearr, chaidh an Colaiste a ghluasad gu togalach ùr anns a' Cheàrnag Bheag San Ignacio. Ann an 1821 fhuair e an t-ainm ùr [[Colaiste na h-Antioquia]], agus mu dheireadh thall Oilthigh Antioquia ann an 1901. Bha a' chiad sgoil trèanaidh dreuchdail, a' chiad stèisean radio cultarail ann an [[Latin America|Aimearaga-Laideannach]], agus a' chiad [[gharradh luibheach]]aig an oilthigh. Tha e clùiteach an-diugh airson leasachaidhean anns an leigheasachd, [[ath-chur buill-bodhaig]] nam measg.
=== Tionndadh Gnìomhachais ===
[[File:Estacion del Ferrocarril -Medellin.JPG|200 px|thumb|left|
A dh'aindeoin gu robh gnìomhachas an òir uabhasach cudromach aig toiseach toiseachaidh leasachaidh Medellín, 's e [[cofaidh]]a thug fàs air a' bhaile anns an 20mh linn. Dh'fhàs am malairt gu ìre eadar-nàiseanta leis gum fàsadh [[cofaidh]] a' phrìomh stuth as-mhalairt na dùthcha. A bharrachd air sin, chruthaich fiùghantas gnìomhachasail malairteach a' Mhedellín clas dhe luchd-malairte agus luchd-dèanadaise is stèidhich iad prìomh ghnìomhachasan aig ìre nàiseanta ann an Coloimbia.<ref name="restrepo" /> Rè na 1930an, leasachadh gnìomhachas a' chlòtha le teaghlaichean a rinn am fortain ann am mèinnean an òir aig àm a' cho-àiteachais. Chaidh gnothaichean na Glainne, na Dighe, agus a' Bhìdhe a stèidheachadh rè nan 1930an, agus chuidich sin Medellín an roinn gnìomhachasail a dhèanamh an tè a bu chudromaiche ann an Coloimbia. Tha feadhainn dhe na companaidhean sin a' dol fhathast, seadh le an ainmean tùsail aca, seadh le ainmean ùra.
[[File:Coltejer-Medellin.jpg|right|thumb|200px|
====
|last1=Savage|first1=Charles H., Jr.
|last2=Lombard|first2=George F. F.
Line 147 ⟶ 99:
|publisher=[[MIT Press]]
|publication-date=1986
}}</ref><ref>{{
|url=http://www.jstor.org/pss/3105262
|title=Sons of the Machine: Case Studies of Social Change in the Workplace
Line 157 ⟶ 109:
|accessdate=May 6, 2008.
}}</ref>
Chaochail Savage ann an 1973.
=== Ealainn agus litreachas rè a' chiad phàirt na 20mh linn===
[[File:UNAL-Bloque M5-Facultad de Minas-Medellin.JPG|170px|thumb|left|Dàmh nam Mèinnean aig an Oilthigh Nàiseanta Coloimbia, earrann Mhedellín.]]
Tha an [[Oilthigh Antioquia]], an [[Oilthigh Nàiseanta Colombia]] leis an earrann aige ann am Medellín, agus [[Universidad Pontificia Bolivariana]] (an Oilthigh Pàpanach Bolivarianach) air a bhith aig cridhe foghlam acadaimigeach a' bhaile aig ìre eachdraidheil agus iad a' treànadh clas inntleachdail a' cheàrna, aig ìre nàiseanta agus eadar-nàseanta.
'S e eileamaid shòisealta chudromach a bh' ann an Ealain agus Litreachas ann am Medellín. Ghabh am baile pàirt ann an atharrachaidhean litreachais bho [[Romannsaidheachd]] gu [[Ealainn Nòdha Ùr]] agus bhuidhnean litreachas na linne ùir rè a' chiad leth dhen 20mh linn. Rinn an t-ùghdar [[Tomás Carrasquilla]] (1858 - 1940) mion-sgrùdadh air sluagh na h-Antioquia a bha aige fhèin, is chuir esan an cèill gu h-amaiseach am beatha làitheil agus na cleachdaidhean aca. Bha an t-ùghdar agus feallsanachd [[Fernando González (ùghdair)|Fernando González]] à [[Envigado]] (ann an ceàrn cathaireil a' Mhedellín), an dealbhadair na dealbhan-èibhinn [[Ricardo Rendón]] agus am bàrd [[León de Greiff]] a-measg luchd-stèidhichidh na ''Panidas'', buidheann litreachais à Medellín. Bha bàird agus ùghdairean cudromach eile ann, mar [[Phorfirio Barbajacob]] agus [[Efe Gómez]]. 'S e [[Eladio Vélez]] agus [[Pedro Nel Gómez]] na dealbhadairean a bu chlùitiche. Bha an ceòladair [[Carlos Vieco Ortiz]] uabhasach ainmeil. Bha na prìomh-oifisean aig companaidhean ciùil mar ''Sonolux'', ''Ondina'' agus ''Silver'' ann am Medellín.<ref name="restrepo" />
Bha na clubaichean ann am Medellín, iomadh dhuibh le freumhan aig deireadh na 19mh linn mar an ''Club Union'' (stèidhichte ann an 1894) agus an ''Club Campestre'' (stèidhichte ann an 1924), aig cridhe buidhnean inntleachdail agus gnìomhachasail. Chaidh an ''Circo España'' (Siorcas na Spàinne) a chruthachadh ann an 1909 agus an ''Taigh -cluiche Bolívar'', ann an 1919. Chaidh an ''Taigh-cluiche Junín'' àlainn a sgrios airson an [[Tùr Coltejer]] a thogail. Chaidh ''Cine Colombia'', a' chiad chompanaidh sgaoilidh fhilmichean na dùthcha, a stèidheachadh ann am Medellín ann an 1927.<ref name="restrepo" />
=== Plana Mòr Medellín ===
[[File:El Poblado Medellín(1).jpg|right|thumb|300px|[[El Poblado, Medellín|El Poblado]], sgìre beairt mu dheas, fear dhe na làraich cathaireil agus eaconamach as cudromaiche na Colombia.]]
Rè na 1950an dhealbhachadh luchd-gnìomhachas, luchd-malairt agus an Riaghaltas Ionadail Am "Plan Mòr Medellín" (PMM) (''Plan Pìdhleat''), plana airson leasachadh a' bhaile air feadh a' Ghlinne Aburrá agus mu dheireadh thall chruthachadh sin a' chiad cheàrn cathaireil ann an Coloimbia. 'S e [[Paul Wiener]] agus [[José Luis Sert]] na ailtirean a bha os cionn a' phròiseact. Bha cladhachadh na h-[[Aibhne Medellín]], stiùireachadh tuineachaidhean ùra air buthaich a' ghlinne, cruthachadh làraich gnìomhachasail ann an sgìre Guayabal, dealbhachadh cathaireil airson is gum biodh am baile ann an co-fhuaimneachd leis an abhainn, togail Pàirc Ball-Coise ùr, agus stèidheachadh làraich riaghal anns an ''La Alpujarra'' a-measg nam pròiseactan a bu chudromaiche anns a' PhMM.<ref name="restrepo" />
Thòisich àm ùr dhe cugallachd phoiliteagach airson Choloimbia an dèidh mort tagraiche a' chinn-shuidheis [[Jorge Eliecer Gaitán]] ann an ùpraid air a bheil [[Am Bogotazo]], a thachair ann am [[Bogotá]] ann an 1949. Sgaoil an t-ainneart poiliteagach air feadh sgìrean dùthchail na tìre, agus bu chòir dha iomadh thuathanaich a theiche chun nam bailtean-mòra. Dh'èireadh sluagh Mhedellín gu luath rè nam bliadhnachan a thigeadh. Dh'fhàsadh bruthaich a' ghlinne loma-làn slumaichean. Bha 358,189 luchd-àiteachaidh anns a' bhaile ann an 1951, ach 22 bliadhna an dèidh sin, ann an 1973, bha an sluagh air a dhol suas trì tursan gu 1,071,252.
Thug an sluagh buaidh mhòr air a' PhMM. Dh'fhàs crìochan a' bhaile gu ruige àiteachan nach robh am broinn a' PhMM, is le sin thàinig Medellín dìreach ri taobh bailtean eile anns a' ghleann Aburrá, mar [[Envigado]], [[Bello]] agus [[Itagüí]]; 'S e teaghlaichean bochda a bh'ann na in-imrich ùra a fhuair Medellín, is iad gun creideis gus taighean a cheannaich, agus air sgàth sin chaidh iomadh sgìrean a thogail taobh a-muigh a' PhMM; Chaidh sgrios a chur air tòrr sheann thoglaichean ann am meadhan a' bhaile airson tùraichean àrda, oifisean agus rathadan mòra a thogail. Chaidh sgrios a chur air An ''Taigh-Cluiche Junín'', a bha cho àlainn ri taobh Santa Elena, dìreach gus an Tùr Coltejer a thogail. Solaraich an inimricheas mhòr gu Medellín luchd-obrach gu leòr airson leudachadh taighean-gnìomhachasan a' chlòtha, is iad a bhith ga ùrachadh aig an àm sin,<ref name="restrepo" /> ach chruthaich e trioblaidean ùra airson a' bhaile cuideachd: cion-cosnaidh na b'àirde, seirbheisean air dhìth dha na sgìrean bochda, ainneart cathaireil tro iomadh dhuibh, agus collapse an t-siostaim chòmhdhail. Abair àite foirfe airson am [[mafia]] a rinn droch chrom air a' bhaile fad na deicheadan a leanadh a chintinn, agus bu chòir dhan PhMM a dh'fheitheamh airson amannan nas fheàrr.
=== Beò Cultarail fad na deicheadan a dh'fhalbh ===
[[File:La Raza de Rodrigo Arenas Betancur-Medellin.JPG|240 px|thumb|right|Càrn-Cuimhne "La Raza" (A' Chinneadh), obair ann ann umha agus crudhtan le [[Rodrigo Arenas|Rodrigo Arenas Betancur]], 124 troighean. Tha e stèidhichte aig Talla a' Bhaile ann an La Alpujarra.]]
Nochd ginealach ùr dhe ùghdairean agus luchd-ealainn, le nòs na b'ùire, ann am Medellín anns na 1950an. Chàineadh iomadh ùghdair an cultar ionadail agus nàiseanta. Chuir [[Manuel Mejía Vallejo]] nòs aithriseach ùr air bhonn gun a chuid fhreumhan ionadail fhàgail. 'S e cuideachd linn an [[Nadaismo]] a bh'ann, buidheann litreachasis a chaidh a chur suas le [[Gonzalo Arango]] agus iomadh eile. Bha an Nadaismo ana-chèireachail gu fosgailte, is e a' càineadh bun-nòsan traidiseanta a' chomainn-shòisealta, agus bhathar a' beachdachadh gu robh e [[nihilism|nihilist]] aig ìre feallsanachail. Bha an dealbhadair [[Debora Arango]] an sàs ann an saoghal sòisealta agus poiliteagach na dùthcha leis a cuid obrach. 'S e dealbhadair ainmeil eile a thug cliù dha Medellín tro mheadhan an ealainn a bh'ann [[Fernando Botero]], a fhuair brosnachadh airson a chuid obrach ann am beatha làitheil agus dràma a' bhaile. Thug esan a' mhòr-chuid dhen obair a rinn e do [[Thaigh-Tasgaidh na h-Antioquia]] mar thabhartas, agus chuir am baile taingeil an t-ainm aige fhèin dhan [[Cheàrnag Bhotero]]. Rè na 1970an thogadh am fear-ealainn [[Rodrigo Arenas|Rodrigo Arenas Betancur]] na deilbheadhean chàrn-cuimhne aige ann am Medellín ach cuideachd fad iomadh sgìrean eile air feadh Choloimbia. 'S e ùmhlachd dhan chultar [[Paisa]] a tha an obair ainmeil aige, ''La Raza'' (A' Chinneadh), stèidhichte anns an làrach riaghlach La Alpujarra.
Thoir iomadh ionadan cultarail beò dhan bhaile, mar an Taigh-Chluiche Pablo Tobón Uribe (1967), Taigh-Tasgaidh an Ealainn Nòis Ùir (1978), agus An Taigh-Tasgaidh Cathaireil (1987). Fhuair An Taigh-Tasgaidh Traidiseanta na h-Antioquia an darna fhosgladh oifigeil aige le mòran dhen chuid obrach a rinn Fernando Botero ann an 2000. Tha oilthighean ùra air a fhosgladh anns a' bhaile cuideachd: [[Oilthigh Medellín]] (1950) agus [[Universidad EAFIT|Oilthigh Eafit]] (1960).
=== Rannsachadh ===
Tha an American Geographical Society ag obair air pròiseact airson clàr-leabhraichean brìgheil coileanta an Comuna 13, fear dhe na mòran sgìrean ann am Medellín, a chruthachadh.
===
[[File:Biblioteca España(1)-Medellin.JPG|thumb|left|240px|Leabharlann na Spàinne, structar ailtireil ùr-nòsach mòr ann an crudhtan ga thogail air bàrr a' bheinn ann am Medellín]]
'S e an suidheachadh gur e am baile as cudromaiche taobh ghnìomhachais ann an Coloimbia a th'ann Medellín an rud a bu mhotha a chuidich am baile staing na 1980an agus na 1990an a cheannsachadh. Tha am baile uabhasach moiteil às am [[Metro de Medellín]], seirbheis còmhdhail cathaireil mòr, agus 's ean aon rud bhon a' Phlan Mòr Medellín na 1950an air a nochdadh gus an latha an-diugh a th'ann. Chaidh togail Ceàrnag a' Mhedellín, ionad eadar-nàiseanta airson cruinneachaidhean agus taisbanaidhean, a dhealbhadh gus [[eaconomaidh]] eadar-nàiseanta na Coloimbia a shealltainn dhan shaoghal. 'S e baile ùr-nòsach le sluagh dhe trì muillean daoine a th'ann Medellín an-diugh.
Lughdaich an ainneart a bh'ann fad iomadh bhliadhna cnapan-stàrraidh sòisealta is iad ag adhbharachadh mòran dhragh shòisealta. Cheangail am Metro am baile-mòr ri chèile, bho sgìrean bochda gu sgìrean beairt, agus thathar a' dealbhachadh siostam ùr dhe bhusaichean poblach, air a bheil am "Metroplus." Tha àiteachan ann am Medellín an-diugh airson ealainn, [[bàrdachd,]] dràma, a bharrachd air togail leabharlainn poblach, stèidheachadh eco-pàircean ùra, leis na daoine an sàs ann an leasachadh a' bhaile.<ref>Nelson Alcantara: [http://www.decolombia.net/index.php?option=com_content&task=view&id=46&Itemid=35 Colombia’s Medellín: City transformed], February 23, 2008. De Colombia Net. Retrieved on May 7, 2008.</ref>{{clear}}
== Cruinne-Eòlas agus Clìomaid ==
[[File:allmhurach medellín bho enciso.jpg|thumb|right|Sealladh air Medellín bho Enciso]]
Tha farrsaingeachd dhe 382 km² (237 mìle cheàrnagach) aig Medellín. Tha 16 ''comunas'' (sgìrean), 5 ''corregimientos'' (bailtean beaga), agus 271 ''barrios'' (sgìrean cathaireil) ann.
Tha [[Ceàrn Cathaireil a' Mhedellín]] am broinn a' Ghlinne Aburrá gu lèir, aig 1,500 meatair (mu 4921 troighean) os cionn ìre na mara, leis an [[Abhainn Mhedellín]] (ris an canar Porce cuideachd), ga sruthadh mu thuath. Tha na bailtean [[Bello]], [[Copacabana]], [[Girardota]] agus [[Barbosa]] mu thuath a' ghlinne. Tha [[Itagüí]], [[Envigado]], [[Sabaneta]], [[La Estrella]] agus [[Caldas]] mu dheas a' ghlinne.
Chan eil an clìomaid ann am Medellín cho teth ma iomadh bhaile eile gan stèidheachadh aig an aon domhan-leud dlùth air meadhan-chearcall na cruinne o chionns gu bheil e na laighe aig 1,500 m os cionn ìre na mara. Leis gu bheil e na laighe cho àrd os cionn na mara agus air sgàth gu bheil làrach sònraichte aige am broinn na h-Andes, tha an aimsir ann am Medellín nas coltaiche ri [[clìomaid fo-throipigeach fliuch]] na [[clìomaid troipigeach]]. Tha teodhlachd mheadhanach bhliadhnail aige dhe 22 °C (72 °F), agus leis gu bheil e faisg air a' mheadhan-chearcall, tha an teodhachd gu math seasmhach fad am bliadhna, le mion-atharrachaidhean na teodhachd. Tha an teodhachd a' dol bho 15 °C (52 °F) gu 30 °C (86 °F). 'S e 'La Ciudad de la Eterna Primavera' neo 'Baile an Fhoghar Bith-bhuan' am far-ainm aig Medellín o chions gu bheil clìomaid càillear fogharmhor aige, ach leis gu bheil am baile na laighe ann an gleann tha mòran sgìrean shuas air an leathad, tha ann teodhachd beagan nas fhuaire anns na beanntan mu thimcheall.
<!--Infobox begins-->
Line 255 ⟶ 206:
|accessdate=2008-09-26}}<!--Infobox ends-->
== Sgìrean Riaghlach ==
[[File:Comunas de Medellin.png|thumb|right|''Comunas''
[[File:Corregimientos de Medellin.png|thumb|right|''Corregimientos'' (
'S e baile fo shiostam deamocratach [[poblachdach]] fon [[Bun-Reachd|Bhun-Reachd]] Coloimbia bho 1991 a th'ann Medellín, leis an righaltas aige air a sgapadh. Compartichidh [[Pròbhaist]] a' Mhedellín agus An Comhairle riaghladh a' bhaile, is iad air a thaghadh tro bhòtadh poblach.
====
*
*
*
*
*
*
*
== An lagh agus an riaghaltas ==
Tha am Poiliteags agus an Lagh gu math buillsgeanach ann an Coloimbia; tha sin a' ciallachadh gum bithear ag aontachadh agus a' gabhail ris a' chuid as motha dhe na laghan ann am [[Bogotá]], a' phrìomh-bhaile. A dh'aindeoin sin, mar bhaile-mòr, nì Medellín a dhìcheall taobh riaghlach a' cheàrna. Tha Riaghaltas a' Bhaile ga sgarradh eadar earrann an riaghaltais fhèin agus an earrann reachdail. Thathar a' tagh Pròbhaist a' Bhaile (El Alcalde) gu poblach airson ceann-aimsir dhe ceithear bliadhna (dìreach mar Cheann-Suidhe na dùthcha agus Riaghladair gach uile Ceàrna ann an Coloimbia).
==
'Se am baile a b' ainneartaiche san t-saoghal a bh'ann Medellín o shean. Fhuair e an t-ainm uabhasach sin mar thoradh a' chogaidh cathaireil a rinn na drug cartels aig deireadh na 1980an. Mar dhachaigh [[Cairteil a' Mhedellín|A' Chairteil Mhedellín]], le Uachdaran na Drogaichean [[Pablo Escobar]] os a chionn, bha am baile na h-ìobairteach an uabhais a dh' adhbharaich an cogadh eadar a' bhuidheann sin agus a cuid nàmhaidean. Ach thoisich ìre na h-eucorach a dhol sìos an dèidh bhàis Escobar. Bha ìre na h-eucorach fhathast gu math àrd rè na 1990an, ged a rachdadh e sìos beag air bheag an coimeas ris na bliadhnachan a bu mhiosa. Anns An Dàmhair 2002 dh'òrdaich [[Álvaro Uribe|Álvaro Uribe Vélez]], ceann-suidhe na Coloimbia, gun tugadh an t-airm gu buil “Operación Orión”, is iad ag amas air mailisidhean chathaireil na FARC agus na AUC a leigeil ma sgaoil<ref>BBC. "Fuego cruzado en Medellín." 17 October 2002. BBCMundo.com. 3 May 2009 <http://news.bbc.co.uk/hi/spanish/latin_america/newsid_2337000/2337667.stm>.</ref>. Eadar 2003 agus 2006 chaidh di-fheachdachadh na mailisidhean chathaireil na AUC a bh'ann fhathast a thoirt gu buil, agus leig a bharrachd air 3,000 fir fo armaibh an cuid armachd dheth<ref>Valencia, German Dario. "Balance del progrma de desmovilizacion." Marzo 2008. www.medellincomovamos.org. 3 May 2009 <http://www.medellincomovamos.org/como_vamos_en/descargas/Consulta%20a%20experto.%20Balance%20programa%20de%20desmovilizacion.pdf></ref>. Tha ìre na h-eucorach ann am Medellín air a lughdachadh gu brìgheil. Tha ìre na h-eucorach ann am Medellín gu math àbhaisteach do bhaile-mòr ann an Aimearaga-Laideannach gus an latha an-diugh.
==
'S e [[stàilinn]], [[a' chlò]], [[aodach]], [[biadh]] agus [[deoch]], [[àiteachas]] (bho na sgìrean dùthchasail), [[seirbheisean poblach]], stuthan ceimeagach and pharmaceuticals, refined [[ola]], agus [[dìthean]] a tha aig cridhe an eaconomaidh.
Tha an turasachd air a dhol gu math air adhart anns na bliadhnachan a dh'fhalbh.
== Leasachadh Cathaireil ==
[[File:DosEsculturasBoteroMedellín.jpg |thumb|left|A' Cheàrnag Bhotero]]
Tha e uabhasach soilleir gu bheil am baile ga leasachadh ann an dòigh làidir, gu h-àraidh leis cho pailt a tha na tùran àrda ùra a thathar a' togail. Aig an ìre seo tha Medellín a' deànamh nas fheàrr na gach uile baile-mòr eile na dùthcha Bogotá, prìomh-bhaile na nàisein agus cridhe an eaconomaidh, nam measg, taobh togail agus dealbhachadh tùran àrda ùra. Anns an t-Sultainn 2008, bhathar a' togail 127 tùran àrda ann am Medellín, 25 gam àideachadh, agus 17 gam moladh.<ref>{{cite web|url = http://www.emporis.com/en/wm/ci/bu/sk/?id=101122|title = Skyscrapers of Medellín}}</ref>{{clear}}
== Foghlam ==
[[File:Plazuela CentralUdeA.JPG|right|thumb|200px|A' Chèarnag Mheadhanach aig an [[Oilthigh Antioquia]]]]
Tha a bharrchd air 30 oilthighean ann am Medellín is iad a' sgaoileadh an fhoghlaim air feadh na h-Antioquia, an "Eje Cafetero" (sgìre [[cofaidh|a' Chofaidh]]) agus Costa na Cairib. 'S e Oilthigh na h-Antioquia, an t-Oilthigh Nàiseanta Coloimbia agus an Colaiste Jaime Isaza Cadavid (poblach), agus an t-Oilthigh EAFIT, Oilthigh Medellín, An t-Oilthigh Pàpanach Bolivarianach, an t-Oilthigh San Buenaventura, Sgoil Inneallaidearachd na h-Antioquia, Oilthigh Santo Tomas, SENA (Seibheis Nàiseanta Ionnsachaidh) agus CES am feadhainn as cudromaiche. A bharrachd air sin, tha ionadan teic-eòlais curomaich ann, mar ITM (Institiùd Nàiseanta an Teic-Eòlais).
[[File:Biblioteca-EAFIT.JPG|Seo leabharlann an Oilthigh EAFIT|right|thumb|200px|Leabharlann an Oilthigh Prìobhaideach EAFIT.]]
Rè an deichead mu dheireadh, tha Riaghaltas a' bhaile air foghlam poblach, togail sgoiltean is leabharlainn anns na sgìrean bochda a bhrosnachadh. Tha seann traidisean dhe sgoiltean agus colaistean prìobhaideach anns a' bhaile, iomadh dhuibh gan ruith leis an Eaglais [[Caitligeach]], buidhnean prìobhaideach, agus feadhainn bho thall thairis. Tha na sgoiltean Columbus, Theodoro Hertzl, San Ignacio de Loyola, Cumbres, Colombo Britanico, El Corazonista, Marymount, Montessori, na àrd-sgoiltean Los Pinares, Los Alcázares, San José De La Salle, Jorge Robledo, a sgoil Teicnigeach Salesianach Pedro Justo Berrío, [[Universidad Pontificia Bolivariana|An Oilthigh Pàpanach Bolivarianach]], agus mòran eile nam measg.
Thoir iomadh non-governmental organizations agus buidhnean oifigeil taic do development airson chloinne agus òganaich bho na sgìrean bochda. Tha Baile [[Don Bosco]] a' toirt cùram gu [[clannn na sràide]].<ref>[http://www.ciudaddonbosco.org Ciudad Don Bosco Medellín], ionad cùram do chlann na sràide.</ref> An dèidh sìtheachadh a' bhaile thàinig buidhnean dha na sgìrean a bu bhochda is iad ag obair còmhla ris na daoine òga a bha an sàs ann an ainneart cathaireil, gus na cothroman aca a leasachadh. Bha pàirt cudromach cuideachd aig na oilthighean ann am Medellín, poblach agus prìobhaideach, còmhla ri buidhnean nàiseanta agus eadar-nàiseanta.
== Còmhdhail ==
=== Còmhdhail Adhair ===
[[File:Aeropuerto Jose Maria Cordova-Exterior1.JPG|thumb|left|[[Port-Adhair Eadar-nàiseanta José María Córdova]]]]
[[File:Aeropuerto Olaya Herrera-Medellin.JPG|thumb|right|[[Port-Adhair Olaya Herrera]]]]
===
[[File:
A dh'aindeoin sin, tha an trafaig ann am Medellín air fhàs gu math làidir, leis cho pailt a tha na carbadan an coimeas ris na sràidean; A bharrachd air sin, 's e dragh mòr a tha'nn an pollution ga dhèanamh leis na busaichean diesel, gu h-àraidh ann am meadhan a' bhaile agus mu dheas ann an El Poblado. Chan eil àite sam bith anns a' bhaile airson rathadan mòr a thogail.
== Sluagh a' Bhaile ==
{|class="toccolours" align="right" style="width:210px; float:center; clear:right; margin:1em 0 2em 2em; line-height:140%;font-size:90%"
! colspan=3 style="background:#6688AA"|<font color="white">
|-
! style="background:#F0F0F0"|
|-
| align=left|1905*||align=right|59,815||align=center| 100%
Line 397 ⟶ 306:
!colspan=3|[[File:Poblacion Medellin.png|240px|border]]
|-
! colspan=3 style="background:#F0F0F0"|*<small>
|}
===
===
Seo [[Co-mhisgeachd Chinnsidheach]] a' bhaile:
* [[
* [[Mestizo]]:
* [[Afro-
* [[Indigenous peoples of the Americas|
Fhuair Medellín iomadh in-imrich às An Spàinn rè na 17mh agus 18mh linntean, a bharrachd air beagan inimreachais gun taghadh à Àfraga an Iar. Chaochail a' mhòr-chuid nan Tùsanach fo bhuaidh tinneasan às an Roinn Eòrpa, agus dh'eadar-phòs iomadh nam feadhainn a mhaireadh beò leis na prìomh In-Imrich Spàinnteach, fireannaich anns a' chumanntas; thoisich inimreachas nam boireannach Spàinnteach air dheireadh. Thigeadh in-imrich à Lebanon, à Iòrdan, às a' Ghearmailt, agus à Portagail rè an 19mh linne. 'S e [[Paisa Region|Paisas]] air a bheil iomadh dhaoine à Medellín, le freumhan Spàinnteach anns a' chumanntas, gam measgachadh le fuil Àfraganach agus Tùsanach. Tha coimhearsnachd bheag Afro-Coloimbianach and Zambo-Coloimbianach ann (daoine le freumhan Tùsanach agus Àfraganach).
Tha [[Ceàrn an Chocó]] dìreach air àird an iar na h-Antioquia, tìr-àraich iomadh in-imrich Afro-Coloimbianach and Zambo-Coloimbianach a Mhedellín agus an sgìre aige. Tha inimreachas às a' Chòsta Chairib Cholombianach air a bhith fa-leth cudromach, gu h-àraidh na daoine òga a thig gus ionnsachadh aig na h-oilthigh ann am Medellín agus fuirichidh iad is iad ag obair anns a' bhaile. 'S ann an [[Ecuador]] a thig a' mhòrchuid dhe na in-imrich bho thall thairis is iad an sàs ann am malairt neo-fhoirmeil.
==
[[File:Desfile de Silleteros2007-(30)Medellin.JPG|thumb|right|
Tha tùs Spàinnteach aig a' chultar Paisa, agus tha traidiseanan Caitligeach, gnìomhachasail, dìorrsach, agus hospitable aige. Thathar ag ràdh gum bruidhinn na Paisas gu ciùin luath, le gàire, agus gu bheil iad dèidheil air an [[tairbheadaireachd]], air an [[rodeo]], air [[ceòl|a' ceòl]], air a' bhàrdachd, air [[ball-coise|a' bhall-coise]], agus na ho-ro-gheallaidhean. Tha iad uabhasach moiteil às a' bhaile aca. 'S e "rumba" ris an canar beatha na clubaichean, na taighean-sheine, na ceàrnagan agus na sràidean gach deireadh sheachdain.
=== Fèisean agus Tachartasan ===
'S e ''La Feria de las Flores'' (
[[File:Biblioteca Leon de Greiff-Bloque-Medellin.JPG|thumb|left|Leabharlann Leòn de Greiff.]]
===
* [http://www.maratonmedellin.com| Leth-mharathon Eadar-nàiseanta Medellín]
* [http://www.maratonvalledeaburra.com Marathon a' Ghlinne Aburrá]
* [http://www.atlnacional.com.co Club Ball-Coise Atlético Nacional]
* [http://www.dim.com.co Club Ball-Coise Deportivo Independiente Medellín]
* [http://www.envigadofutbolclub.net Club Ball-Coise Envigado]
=== Far-ainmean a' bhaile ===
Aithnichte mar "prìomh-bhaile gnìomhachasail ann an Coloimbia", tha Medellín cuideachd fo na h-ainmean ''Ciudad de la Eterna Primavera'' (Baile an fhoghair bith-bhuan), ''Capital de la Montaña'' (Prìomh-bhaile nam Beann), ''Ciudad de las Flores'' (Baile na Dìthein), ''"Capital de las Orquídeas"'' (Baile nan Orchid), ''La Bella Villa'' (Am Baile Boidheach), ''Tacita de Plata'' (Cupan Beag an Airgid), and ''Medallo'' (bhon ainm Medellìn fhèin).
== Bailtean Co-cheangailte ==
* [[Barcelona]], [[An Spàinn]].<ref>{{cite web|url= http://w3.bcn.es/XMLServeis/XMLHomeLinkPl/0,4022,229724149_257217612_2,00.html|title= Acuerdos de colaboración según la web del Ayuntamiento de Barcelona|accessdate= 21 Giblean, 2008}}</ref>
* [[Bilbao]], [[An Spàinn]]
* [[Bogotá|Bogotá D.C]], [[Coloimbia]]
* [[Buenos Aires]], [[An Argantain]]
* [[Cali]], [[Coloimbia]]
* [[Fort Lauderdale]], [[Stàitean Aonaichte]].<ref>{{cite web|url= http://www.sister-cities.org/icrc/directory/Americas|title= Sister cities|publisher= Online directory: the Americas (the member directory for sister cities in the Americas|accessdate= 2 Giblean, 2008}}</ref>
* [[Milan]], [[Eadailt]]
* [[Hyderabad, Andhra Pradesh|Hyderabad]], [[Na h-Innseachan]]
* [[Bharna]], [[Bulgàiria]]
* [[Monterrey]], [[Meagsago]]
* [[Miami]], [[Stàitean Aonaichte]].
* [[Tacuarembó]], [[Uruguaidh]].<ref>{{cite web|url = http://www.lanacion.com.ar/herramientas/printfriendly/printfriendly.asp?nota_id=580269|title = Hermandad entre ciudades|publisher = La Nación,|date = 14 Màirt, 2004}}</ref><ref>[http://www.radiogardel.com/html/tacuarembo2.html Gardel en Tacuarembó], Radio Gardel</ref>
== Gallaraidh ==
<center><gallery>
Image:Iglesia_de Nuestra_Iglesia_de_la_Candelaria-Mede.JPG|
Image:Plazuela_San_Ignacio-Medellin-Colombia.JPG|Cèarnag San Ignacio
Image:Estacion_del_Ferrocarril -Medellin.JPG|
Image:UNAL-Bloque M5-Facultad de Minas-Medellin.JPG|
Image:La Raza
Image:Biblioteca España(1)-Medellin.JPG|
Image:La Alpujarra-Medellin.JPG|La Alpujarra (Talla a' bhaile)
Image:Centro de Medellin- Colombia.JPG|
Image:Btca epm.JPG|
Image:Biblioteca Publica Piloto-ArchivoFotografico.JPG|
Image:Biblioteca Leon de Greiff-Exterior4-Medellin.JPG|
Image:Cerro Nutibara-Navidad 2006-Medellin(1).JPG|
Image:Plaza Cisneros-BosqueColumnas-Medellin.JPG|
Image:Museoelcastillo1.jpg|
Image:Teatro Metropolitano de Medellín.JPG|
Image:Christmas2004inMedellín.JPG|
</gallery></center>
==
<references/>
== Ceanglaichean a-mach ==
{{
* [http://www.medellin.gov.co/ Làrach-lìn oifigeil a' bhaile, anns an Spàinntis]
* [http://www.metrodemedellin.org.co/ Am Metro ann am Medellín]
* [http://www.lovemedellin.com Cultar ann am Medellín]
* [http://www.themedellinmap.com/ Mapa a' bhaile]
* [http://www.rightlivelihood.org/recip/2006/festival.htm 2006 Right Livelihood Award winner Fèis eadar-nàiseanta Bàrdachd Mhedellín]
* [http://www.ffwdweekly.com/article/life-style/travel/paramilitaries-and-rebels-in-rehab-4005/ Paramilitaries and Rebels in Rehab] by Ashifa Kassam, ''Fast Forward Weekly'', June 25 2009
[[Category:Antioquia]]
[[Category:Bailtean]]
[[Category:Coloimbia]]
{{Link FA|es}}
[[bg:Меделин]]
[[bn:মেদেয়িন]]
[[ca:Medellín]]
[[cs:Medellín]]
Line 521 ⟶ 423:
[[de:Medellín]]
[[el:Μεντεγίν]]
[[
[[eo:Medeĝino (Kolombio)]]
[[es:Medellín]]
[[eu:Medellín]]
[[fi:Medellín]]
[[fr:Medellín]]
[[gl:Medellín]]
[[
[[
[[id:Medellin]]
[[ie:Medellín (Antioquia)]]
[[io:Medellín]]
[[is:Medellín]]
[[it:Medellín (Colombia)]]
[[
[[
[[lt:Medeljinas]]
[[
[[nah:Medellín, Antioquia]]
[[nl:Medellín (Colombia)]]
[[no:Medellín]]
[[oc:Medellín]]
Line 545 ⟶ 448:
[[pl:Medellín]]
[[pt:Medellín]]
[[qu:Medellín]]
[[ro:Medellín]]
[[ru:Медельин]]
[[simple:Medellín]]
[[sr:Медељин]]
[[sv:Medellín]]
[[tr:Medellin]]
|