An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An Cuiltheann"

Content deleted Content added
→‎Sgùrr a’ Ghreadaidh: Splitting article, chaidh am pàirt seo a ghuasad gu Sgùrr a' Ghreadaidh
Loidhne 36:
cinnteach cò às a tha a’ chiad eileamaid aig Garsbheinn a’ tighinn ach tha e a’ cur an aire gu bheil e a’ tighinn bhon fhacal Ghàidhlig gàirsinn. Tha mi fhìn dhen bheachd ge-tà gur coltach gur e ainm Lochlannach a th’ ann. Thuirt Richard Cox ann an òraid aig Rannsachadh na Gàidhlig 2006 gu bheil beachd sònraichte aige mu dheidhinn bheann aig a bheil -bheinn mar dàrna eileamaid dhen ainm. Tha e a’ smaoineachadh gur e ainmean Lochlannach a th’ annta a b’ àbhaist a bhith nam Bla Fjall agus mar sin air adhart agus gun do dh’atharraich an dàrna h-eileamaid Lochlannach gu eileamaid Gàidhlig agus gun do chum na Gàidheil a’ chiad eileamaid. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sin coltach a chionn ’s gu bheil structar Lochlannach a th’ aig na h-ainmean sin. Ann an ainmean Lochlannach thig am buadhair ron ainmear, ach anns a’ Ghàidhlig thig am buadhair às a dhèidh. Gu tric tha ainmean Lochlannach aig na beanntan a chìthear bhon mhuir, agus ’s i a’ bheinn aig ceann deas a’ Chuiltheinn a th’ ann an Garsbheinn agus chìthear bhon mhuir i gun teagamh.
 
===Sgùrr a’a' Ghreadaidh===
 
Tha Forbes dhen bheachd gu bheil an t-ainm Sgùrr a’ Ghreadaidh a’ tighinn bho “ghreadadh”. ’S urrainn dha a bhith a’ ciallachadh “strì” (mar eisimpleir strì a sreap suas <ref name=" Forbes"/>, air sgàth ’s gu bheil e cruaidh am mullach a ruigsinn. ’S urrainn dha a bhith a’ ciallachadh sèideadh làidir na gaoithe cuideachd.
 
===Sgùrr a’ Mhadaidh, Sgùrr an Gobha, Bruach na Frìthe, Sgùrr na Banachdaich===