An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Uilleam Uallas"

Content deleted Content added
No edit summary
b robot Adding: ms:William Wallace; cosmetic changes
Loidhne 74:
'''Uallas na cheannard airm'''
 
Bhon a rinneadh Uallas na cheannard air an arm [[Albannach]] agus na [[cileadair|chileadair]] air an [[rìoghachd]] mar fhear-ionaid Rìgh Iain, thòisich na h-Albannaich air glacadh nan [[daingneach|daingnichean]] Sasannach fhèin, 's air marbhadh na dream a bha cumail freiceadan annta. Bha na h-Albannaich a' spealgadh às a chèile len cuid tuaighean geatachan cuid de na caistealan, 's gun na saighdearan Sasannach comasach air an cur air falbh, 's bha iad a' glacadh cuid eile dhiubh le seòltachd. Thriall Uallas troimh thaobh an ear Alba air ceann armailt lionmhoir, agus air a chur an deagh òrdagh, 's cha robh caisteal, eadar uisge Thatha agus [[Crombagh]], nach do thuit roimhe ann am beagan sheachdainnean, ach caisteal Dhùn Dèagh a-mhàin. Thill Uallas gu deas a chur sèis ris an daingneach seo an ciad mhìos an fhoghair, 1297, dìreach an ceann bliadhna an dèidh do Eideard dol air ais do Shasann, an dùil gun robh Alba gu do-sgaraichte aige air a h-aonadh ri a rìoghachd fhèin.
 
'S ann a teannachadh caisteal Dhùn Dèagh a bha Uallas leis an arm Albannach nuair a chuireadh teachdairean thuige gun robh Iarla Shurreigh a' tighinn na aghaidh le feachd Shasannach san robh 50,000 fear 's gun robh e a' cur roimhe thighinn thairis air [[Abhainn Foirthe]] aig drochaid [[Sruighlea|Shruighlea]]. Rinn Uallas airson a bhith aig an [[drochaid]], nam bu chomasach, mun ruigeadh na Sasannaich i.
Loidhne 132:
Shaoil le Eideard gun sgaoileadh e leithid de chrith-oillt 's de uamhas a-measg chàirdean na h-Alba 's nach gabhadh aon sam bith dhiubh a dhànadas air tuilleadh ar-a-mach a dhèanamh na aghaidh, ach gun robh luchd-àiteachaidh na dùthcha sin, 's bhuaithe siud a-mach gu bràth fo mheachainn gus na laghan a ghabhail a b' àill leis-san 's le shliochd a thoirt, 's a bhith air an riaghladh san dòigh am faiceadh esan iomchaidh.
 
== Aistean co-cheangailte ==
*[[Raibeart I na h-Alba]]
 
Loidhne 172:
[[lv:Viljams Voless]]
[[mk:Вилијам Валас]]
[[ms:William Wallace]]
[[nl:William Wallace]]
[[nn:William Wallace]]