An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An Cuiltheann"

Content deleted Content added
Splitting article, chaidh am pàirt seo a ghuasad gu Sgùrr Alasdair
Loidhne 12:
dhen bheachd ge-tà nach eil seo coltach air sgàth ’s nach bi beanntan le ainmean chraobhan ainmeachadh às dèidh cruth na beinne (no a’ mhonaidh) ach às dèidh craobhan a tha a’ fàs air a’ bheinn. Agus ma thèidear dhan Chuiltheann chan fhaicear ach glè bheag de Chuilionn ann Gleann Breatail. Tha Drummond a’ smaoineachadh gur e ainm Lochlannach a th’ ann an Cuillin agus tha e a’ tighinn bhon seann fhacal Lochlannach kjølen, a tha a’ ciallachadh druim bheann no monadh àrd agus cuideachd druim bàta. Tha Iain Mac an Sporain dhen bheachd gur e mìneachadh coltach a th’ ann an kjølen a chionn ’s gum faicear monadh leis an ainm kjølen anns an [[Nirribhidh]] cuideachd. Tha e a’ dol le Drummond agus a’ tuigsinn an ainm mar druim àrd monadh agus druim bàta. Tha am mìneachadh seo coltach air adhbharan eadar-dhealaichte. Tha ainmean Gàidhlig air a’ mhòir-chuid de na beanntan anns a’ Chuiltheann ach tha ainm Lochlannach air a’ mhonaidh fhèin nam beann. Tha seo a’ toirt dealbh cultarach air a’ chùis. Nuair a thàinig na Lochlannaich dhan Eilean Sgitheanach is coltach gun d’ fhuair iad sealladh air na beanntan àrda seo bho astair mhòr, agus is coltach gun do chleachd iad airson stiùiridh air a’ mhuir iad. Mar sin chuir iad ainm air na chunnaic iad agus cha robh ùidh mhòr aca anns na beanntan singilte, ach ann an cruth na tìre, agus tha seo a’ sealltainn aonad nam beann. A rèir Richard Cox chan eil am mìneachadh seo coltach air adhbharan fuaimneach. Is e fuaimreag fada a th’ anns an /ø/ ann an kjølen ach gur e fuaimreag goirid a th’ ann ann an Cuiltheann, a chionn ’s nach urrainn dha fuaimreag fada a bhith ro “lth”. Mhìnich e cuideachd gur e /k/ leathann a th’ ann ann an Cuiltheann ach ’s e /kj/ caol a th’ ann ann an kjølen. Agus gur e /n/ leathann a thathar a’ cluinntinn ann an Cuiltheann ach /n/ caol ann an kjølen. Co-dhiù, tha Iain Mac an Sporain cinnteach gur e ainm Lochlannach a th’ ann agus mhìnich e gur coltach gun do dh’atharraich na fuaimnean sin tro na linntean. Chan eilear idir cinnteach dè tha fìor agus sgrìobh Iain Mac an Tàilleir<ref name=" Mac an Tàilleir"> Mac an Tàilleir, Iain 2001. Scottish Placenames</ref>
gun robhar a’ feuchainn ri mìneachadh fhaighinn ach nach eil dearbhadh sàsach ann.
 
===Sgùrr Alasdair===
[[Image:Sgurr alasdair.jpg|right|250px|thumb|'''Sgurr Alasdair''' (sa mheadhain), a' bheinn as àirde san Eilean Sgitheanach. Tha Sgurr Theàrlaich air an làimh cheàrr is Sgurr Sguman air an làimh cheart dhen dealbh]]
Shreap Alexander Nicolson Sgùrr Alasdair ann an [[1873]] airson a’ chiad turais, agus thathar ag ràdh gur esan a’ chiad duine a sheas air a mullach. Às dèidh do Norman Collie faighinn a-mach ann an 1887 gur h-i Sgurr Alasdair a’ bheinn às àirde sa Chuiltheann, chuireadh ainm Alasdair air. Ach ged a thathar ag innse gur esan a’ chiad duine a bh’ ann tha rud iongantach mun sgeulachd sin. Chaidh cìobair ionadail, fear Aonghas MacRath, còmhla ri Nicolson air a’ chiad chuairt aige agus lean esan e dhan mhullach. Tha sin a’ toirt a chreidsinn gun robh Aonghas eòlach air beanntan mar thà, agus dh'fhaodadh sin ciallachadh nach b'e Nicolson idir a’ chiad duine a sheas air mullach Sgùrr Alasdair. Chanadh daoine ionadail Sgùrr Lagain <ref name=" Forbes"/>
rithe bho thùs agus chleachd Alexander Nicolson fhèin an t-ainm sin.
 
===Sgùrr Thearlaich===