An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rathad-iarainn"

Content deleted Content added
b roboto aldono de: tl:Biyaheng daambakal
Trath Eachdraidh nan Rathad Iarainn
Loidhne 1:
[[Image:Railwayyard.jpg|right|thumb|Rathad-iarainn]]
 
 
== INNTRIGEADH ==
 
'S e siostam-ghiùlain a tha anns an '''rathad-iarainn''' a tha steidhichte air rathad sònraichte a bhitheas a' breith agus a' steornadh na [[carbad]]an sònraichte dha.
Line 10 ⟶ 13:
 
Aig a' charr as simplidh chan eil dith ach air rathad singilte goirid agus carbad a-mhàin. Bha cuid de na h-ionadan-bhradain air an abhainn Tatha a' cleachdadh rathadan-iarainn mar seo [[iasg|eisg]] a ghiulainn suas dhan rathad-dubh eadar [[Peairt]] is [[Dùn Deagh]] sìos ris na [[1990an]].
 
 
== EACHDRAIDH ==
 
Chaidh turachadh air rathaidean nan gad ann an Sasuinn mun bhliadhna 1604. Tha an sgriobhadh eachdraidheil bu sine mu'n teicneolas seo a' nochdadh an cuise laghail- b'e cnap na cuise gu robh fear seilbh mheinne-ghuail air cuir "tylting rails" tharais air fearann (a bha an seilbh fear eile) eadar beul a mheinn agus laimrig air Abhainn na Sebheirn ann an Siorramachd Nottinghaim.
Mun bhliadhna 1609 dh'fhuair fear a Shiorramach Nottinghaim don b'ainm Beaumont taic air meinne-ghuail air Bruaiche na Tyne an Ear-Thuatha na Sasuinn, thug e leis iomadh innlean nach robh aithnichte anns an Ear-Thuath na Sasuinn aig an am- nan measg Sniomhairean Talmhuinn agus coinceap rathad nan gad. Thug muintir Ear-Thuath na Sasuinn ri na h-innlean seo, bu sonraichte rathaidean nan gad agus chaidh leasachadh nan raointean-ghuail mu Caisteal Nuadh air Taidhne air adhart gu luatha. Thogadh ficheadan de rathaidean nan Gad eadar beul-meinnibh agus laimrigibh aibhne. Bha rathaidean nan gad cho dluth cheangailte ri leasachadh na sgire gun deach iad fo-ainm "Newcastle Road" roimhe deireadh an 17mh linn.
Thuigsear nach an cuid bu mhor de na rodaibh seo nas fhada na ceithir neo coig cheud meatair agus gu robh iad a' claonadh gu ire mhor bho beulmheinn chun laimrig, is ann mar sin a bhiodh carbadan lan nan ruithe "leis a'bhruaich" fo cumhachd tarruinn talmhuinn agus chuireadh eich ri feum a tharruinn na carbadan aotrom air ais ris a' mheinn.
Chaidh leasachadh air an teicneolas mean air mhean- bho meadhan an 18mh linn chuireadh cinn iarrainn air na gadaibh fhiodh agus ro dheireadh an linn rinneadh gadan-ruithe as iarainn leaghta. Thanaig cuibhlicean iarainn a-steachd as deidh 1750 agus ro deireadh an linn rinneadh an siud 's an seo bòrd-claoin fein obrachaidh.
Thuraich an t-inneal smuid róthadachd aig Seumas Watt ann an 1784, inneal steidhichte a bha seo a chleachd smuid bho goilear fa-leth aig bruthaich gu math iosal. Taobh a-steachd deich bliadhna thoisich an Córnach Risteard Trevithick a thogail innealan “paisgte” air an robh an goilear na bunachar don inneal fhein agus a chleachd “smuid laidir” aig bruthaicheas suas ri 40 punnd air an oirleach chearnag ( 2.5 ailean). Thog Trevethick inneal smuid fein-ghluasad cho trath ri 1801 agus ann an 1804 rinn e inneal a ruitheadh air gadan airson fear a sheilbh obraichean iarainn agus rathad trama aig Pen-y-Darren an Cymru a Deas
 
 
* [[Trèana]]