An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Aiseag"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 3:
Se seòrsa [[bàta|bhàta]] a tha ann an [[aiseag]] a ghiùlaineas daoine, caraichean, beathaichean is nithean eile, thairis air [[abhainn]], no cuan cumhang. Bho thùs, bha ciall caran eadar-dhealaichte air “aiseag” sa Ghàidhlig: àite far an robh bàta-aiseig a’ dol, neo a’ ruighinn. Uime sin, tha “bàta-aiseig” buileach ceart.
 
Ann an [[Alba]], air sgath gu bheil ceudan de eileanan ann, agus caolas gu leòr, tha mòran aiseagan ann, m.e. air [[Sruth na Maoile]] eadar Alba is [[Èirinn]], eadar [[na h-Innse Gall]], [[Arcaibh]], [[Sealltainn]] agus/neo mòr-thir na h-Alba, agus eadar Alba is [[Na Tìrean Iosal]] ([{[Ros Saidhe]] is [[Zeebrugge]] 7c. B’àbhaist dha aiseag a dhol eadar [[Àrd Rosain]] is Dùghlais an [[Eilean Mhannain]].
 
Gheibhear aiseagan ainmeil eadar [[Sasainn]]-a-deas agus [[a’ Fhraing]] (neo [[Breatainn Bheag]]), Eilean-a-Tuath is Eilean-a-Deas ann an [[Sealainn Nuadh]], eadar Kowloon is Eilean Hong Kong (a chleachd mìltean gach latha), Èirinn is [[a’ Chuimrigh]], an Spàinn is Maroc agus thairis abhainn farsaing mar am [[Mississipi]], [[Volga]], [[Danube]] agus [[Yangtse]].