An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Èirinn a Tuath"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
[[Image:UK_northern_ireland.png|right|200px|thumb|Èirinn a Tuath anns [[an Rìoghachd Aonaichte]]]]
'S e '''Èirinn a Tuath''' <ref>Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1871901391</ref> ([[Gàidhlig na h-ÈirinnÈireann]]: ''Tuaisceart Éireann''; [[Beurla]]: ''Northern Ireland'', "Ullans": ''Norlin Airlann'') roinn den [[Rìoghachd Aonaichte]]. Tha [[Beul-Feirste]] aice mar [[prìomh-bhaile]] agus tha 1,685,267 neach a' fuireach innte. Tha trì chànain: [[Gaeilge|Gaeilge (Gàidhlig na h-Èireann)]], Ullans ([[Beurla Ghallda]] [[Ulaidh]]), [[Gàidhlig na h-Alba]] agus [[Beurla]] air aithneachadh anns an sgìre.
 
Bidh feadhainn ag eigheachd "Ulaidh" ( no "Ulster" ) air ach chan eil ach mu dà-threas den sgìre ud fo chùmhachd riaghaltas Èirinn a Tuath. Tha strì mòr air a bhith anns an dùthaich eadar na daoine a tha a' fuireach ann o chaidh a phàirteachadh bho thaobh a deas Èirinn, gu h-àraidh an dèidh deireadh na [[1960an]] nuair a thòisich na "troubles" mar a chanas daoine ris an strì anns a' Bheurla. Tha an sluagh-aonachdach, ("Unionists"), leis a chuid mhòr a' leantainn an [[creideamh]] Pròsdanach, agus sinnsearachd [[Gallda]] [[Albannach]] aca, airson Èirinn a Tuath a chumail mar pàirt den [[Rìoghachd Aonaichte]]. Tha na nàiseantaich, no gu tric "Poblachdaich", a tha gu mòr nan [[Eaglais Caitligeach|Caitligich]] airson aonachadh le [[Poblachd na h-Èireann]] agus mar sin [[Èirinn|Eilean Eirinn]] aonachadh fo aon riaghaltas Eirinneach. 'On "Good Friday Agreement" air Dihaoine, an 10mh latha den [[Giblean]] [[1998]], tha an sìth air cumail mar is àbhaist ged a bhios fhathast connspaid ann aig àmanan agus mort ach s' ann glè ainneamh a bhios tachartasan mar seo ann san latha an diugh. Tha an achd seo cuideachd ga dhèanamh laghal airson sluagh Èirinn a Tuath taghadh eadar an [[Rìoghachd Aonaichte]] agus Poblachd na h-Èireann airson dè'n dùthaich a b' fheàrr leotha.