An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Slighe na Gàidhealtachd an Iar"

Content deleted Content added
Loidhne 42:
Mar as trice coisgear seachd no ochd làithean air an fhrith-rathad, ged a nì luchd-coiseachd fit agus nas eòlaich an astar ann an còig no sia làithean. Tha e comasach a dhèanamh fada nas luaithe, ach taghaidh a' mhor-chuid de luchd-coiseachd ùine nas fhaide gus boidhchead na h-àrainneachd a ghabhail, a tha ri faicinn ann am pailteas. 'S e sin as adhbhar don mhòr-dhuid coiseachd air an rathad seo.
 
Gu h-oifigeil tòisichidh am frith-rathad ann am meadhan [[Muileann Dhàibhidh]], far a bheil liagan leacach a' sealltainn toiseach a' cheum. Ruigidh a' mhòr-chuid aig stèisean Muileann Dhàibhidh a tha faisg air làimh. Tha Muileann Dhàibhidh suidhichte air àrd a Tuath Ghlaschu, ach ruigear àrainneachd dhùthchail gu luath, a' dol seachad air [[Loch Laomainn]], tron [[A' Chrìon Làraich|Chrìon Làraich]] agus [[Taigh an Droma]], tro [[RainneachMòinteach Raineach|Raineach]] agus mu dheireadh thall thairis air na beanntan gu [[Ceann Loch Lìobhann]] agus [[An Gearasdan]]. Air an rathad chithear seann rathaidean na dùthcha, seann rathad iarainn, Pairc Choille Ban-Righ Ealasaid ''Conic Hill''. Nuair a ruigear Gleann Nibhis, bidh mòran daoine fhathast a' streap [[Beinn Nibheis]], a' bheinn as àirde ann am Breatainn.
 
Air sgàth an uimhir de dhaoine a choisicheas air an aon slighe tha pàirtean mòra den cheum air bleitheadh gu làidir. Ach thathar a' dèanamh a dhìcheall am frith-rathad a ghleidheadh agus a chàradh gu cùramach. Aig amannan tha an rathad cho leathann is gum faodadh dràibheadh orra, ach chan ann air sgàth bleith a tha sin ach 's e seann rathaidean saighdearach a th' ann. Molar gu daoine a tha a' sireadh uaigneas gun a bhith a' tòiseachadh an fhrith-rathaid aig deireadh na seachdaine.
Loidhne 90:
===Ceum 6: Taigh an Droma gu Gleann Comhan ===
 
Tha am pàirt seo a' leantainn rathad saighdearach, agus an uair sin ceum ri taobh na beinne. Chithear dà sheann drochaid rathaid (viaduct) a tha a' toirt dealbh àlainn denàrainneachd. Leanar rathad saighdearach a-rithist gu Drochaid Urchaidh. Tha an t-slighe a' leantainn an rathad A8005 thairis air drochaid Urchaidh. Bidh an t-slighe a-nis a' dìreadh agus gheibhear seallaidhean mìorbhaileach bho mhullach a' chnuic seo, a tha 1000 troigh a dh'àirde. Cromaidh an ceum gus an ruigear taigh-òsta Inbhir Dhobhrain. Às dèidh sin thèid an rathad tro Mhoinnteach[[Mòinteach RainneachRaineach|Mhòinnteach Raineach, agus ann an droch shìde 's e pìos cruaidh a th' ann agus feumar a bhith cùramach gun a bhith a' fàgail na slighe mus ruigear Taigh-òsta Taigh an Rìgh.
 
* [[Taigh an Droma]] gu [[Drochaid Urchaidh]] - 7 mìle