An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Slighe na Gàidhealtachd an Iar"

Content deleted Content added
barrachd fiosrachaidh Ceum 5-6
Barrachd fiosrachaidh Ceum 7 - 8
Loidhne 88:
 
===Ceum 6: Taigh an Droma gu Gleann Comhan ===
 
Tha am pàirt seo a' leantainn rathad saighdearach, agus an uair sin ceum ri taobh na beinne. Chithear dà sheann drochaid rathaid (viaduct) a tha a' toirt dealbh àlainn denàrainneachd. Leanar rathad saighdearach a-rithist gu Drochaid Urchaidh. Tha an t-slighe a' leantainn an rathad A8005 thairis air drochaid Urchaidh. Bidh an t-slighe a-nis a' dìreadh agus gheibhear seallaidhean mìorbhaileach bho mhullach a' chnuic seo, a tha 1000 troigh a dh'àirde. Cromaidh an ceum gus an ruigear taigh-òsta Inbhir Dhobhrain. Às dèidh sin thèid an rathad tro Mhoinnteach Rainneach, agus ann an droch shìde 's e pìos cruaidh a th' ann agus feumar a bhith cùramach gun a bhith a' fàgail na slighe mus ruigear Taigh-òsta Taigh an Rìgh.
 
* [[Taigh an Droma]] gu [[Drochaid Urchaidh]] - 7 mìle
* [[Drochaid Urchaidh]] gu [[Inbhir Dhobhrain]] - 2 mìle
* [[Inbhir Dhobhrain]] gu [[Taigh-òsta Taigh an Rìgh|Taigh an Rìgh]] - 10 mìle
 
Tha am pàirt seo a' leantainn rathad saighdearach, agus an uair sin ceum ri taobh na beinne. Chithear dà sheann drochaid rathaid (viaduct) a tha a' toirt dealbh àlainn denàrainneachd. Leanar rathad saighdearach a-rithist gu Drochaid Urchaidh. Tha an t-slighe a' leantainn an rathad A8005 thairis air drochaid Urchaidh. Bidh an t-slighe a-nis a' dìreadh agus gheibhear seallaidhean mìorbhaileach bho mhullach a' chnuic seo, a tha 1000 troigh a dh'àirde. Cromaidh an ceum gus an ruigear taigh-òsta Inbhir Dhobhrain. Às dèidh sin thèid an rathad tro Mhoinnteach Rainneach, agus ann an droch shìde 's e pìos cruaidh a th' ann agus feumar a bhith cùramach gun a bhith a' fàgail na slighe mus ruigear Taigh-òsta Taigh an Rìgh.
 
Tha am pàirt seo mu 30km de dh'fhaid.
 
===Ceum 7: Gleann Comhan gu Ceann Loch Lìobhann===
 
'S e aon de na gleanntan as bòidhche ann an Alba a th' ann an [[Gleann Comhan]], agus 's e pàirt a th' ann de ''National Scenic Area of Ben Nevis and Glencoe''. Tha an gleann caol àraid agus air leth brèagha, le beanntan àrda agus cas air gach taobh. Fàsaidh an àrainneachd nas solta a dh'ionnsaigh Inbhir Comhan. Cha lean an t-slighe idir tro Ghleann Chomhan ach fàgar an gleann ann an Alt na Feadh far a bheilear a' dìreadh gu cas "[[Devil's Staircase]]" Nuair a ruigear am mullach (500m) gheibhear sealladh air an ''Black Water Reservoir'' mus bithear a' dol leis a' bhruach seachad air na pìoban uisge gu Ceann Loch Lìobhann.
 
* [[Taigh-òsta Taigh an Rìgh|Taigh an Rìgh]] gu [[Ceann Loch Lìobhann]] - 9 mìle
Line 104 ⟶ 106:
 
===Ceum 8: Ceann Loch Lìobhann dhan Ghearasdan===
 
Tha an ceum a' dìreadh gu cas a' fàgail Ceann Loch Lìobhann, ach às dèidh lùib chaoil chithear sealladh àlainn air na beanntan agus ruigear an Làirig Mhòr le beanntan àrda air gach taobh. Théid an t-slighe tro choille beithe agus sìos gu Gleann Nibheis agus mu dheireadh thall dhan Ghearasdan.
 
* [[Ceann Loch Lìobhann]] dhan [[An Gearasdan|Ghearasdan]] - 14 mìle