An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Slighe na Gàidhealtachd an Iar"

Content deleted Content added
ceartachaidhen beaga air "slighe"
Loidhne 29:
|Sìde
|}
'S e frith-rathad astair ann an Alba a th' anns an '''West Highland Way''' le inbhe oifigeil mar ''[[:en:Long Distance Routes|Long Distance Route]]'' Tha e 153km de dh'fhaid, a' fàgail bho [[Muileann Dhàibhidh|Mhuileann Dhàibhidh]] taobh tuath Ghlaschu agus a' dol dhan Ghearasdan air a' Ghàidhealtachd. Bithear a' coiseachd air an t-slighe seo agus a' streap bho àm gu àm. Coimheadaidh [[Comhairle Dhùn Bhreatainn an Iar]], [[Comhairle Shruighlea]], [[Earra-Ghaidheal agus Bòd|Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bòd]], [[Comhairle na Gàidhealtachd]] agus <!--Authority ? -->[[Pàirc Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Tròsaichean]] às a dhèidh còmhla. Cleachdaidh mu 85,000 duine an t-slighe gach bliadhna.
 
 
==Eachdraidh==
 
'S e an ''West Highland Way'' a' chiad chas-ceum astar oifigeil ann an Alba. Chaidh aontachadh leasachadh air an t-slighe a dhèanamh ann an 1974 agus chuireadh crìoch air an obair air [[6 an Damhair]] [[1980]].<ref>The West Highland Way, Terry Marsh 2003 ISBN 1 85284 369 1 Cicerone</ref>
 
== An t-Slighe ==
[[Image:West-highland-way.jpg|thumb|100px|left|<center>Sanas an WHW</center>]]
Cleachdaidh an t-slighe mòran seann rathaidean, am measg rathaidean-cruith, rathaidean saighdearach agus seann rathaidean carbaid. Mar as trice coisichear bho Dheas gu Tuath. San dòigh sin chan fhaighear a' ghrian an aghaidh agus fàsaidh ìre an tachartais leis an astar.
 
Mar as trice coisgear seachd no ochd làithean air an fhrith-rathad, ged a nì luchd-coiseachd fit agus nas eòlaich an astar ann an còig no sia làithean. Tha e comasach a dhèanamh fada nas luaithe, ach taghaidh a' mhor-chuid de luchd-coiseachd ùine nas fhaide gus boidhchead na h-àrainneachd a ghabhail, a tha ri faicinn ann am pailteas. 'S e sin as adhbhar don mhòr-dhuid coiseachd air an rathad seo.
Loidhne 72:
 
===Ceum 4: Rubha àird Eònain dhan Chrìon Làraich===
Fàgaidh an t-slighe Rubha àird Eònain a' dèanamh air an Ear-Thuath ri taobh bruach an ear [[Loch Laomainn]], a' dol seachad air uamh [[Rob Ruadh MacGriogair|Rab Ruaidh]], mus ruigear baile [[A' Chrìon Làraich]].
 
* [[Rubha Àird Eònain]] gu [[Inbhir Snàthaid]] - 7 mìle
Loidhne 112:
Air 22 an t-Ògmhios 1985 thòisich dithis chòmhstrìtheach bho Mhuileann Dhàibhidh, gach aon ag iarraidh a bhith nas luaithe na am fear eile. às dèidh 60 mìle, a' tòiseachadh thairis air Rainneach thàinig e orra gum bi iad a' milleadh càch a chèile nan cumadh iad a' dol mar sin. Mar sin thàinig iad gu co-dhùnadh co-obrachadh agus a ruith còmhla. Rinn iad an ceum air fad airson a' chiad turas ann an 17 uairean 48 mionaidean gu leth.
 
Bha Duncan agus Bobby ainmeil airson a bhith fialaidh, agus ann an [[1986]] chuir iad cuireadh do charaidean gus ruith nan aghaidh bhon Ghearasdan gu Muileann Dhàibhidh. Ann an [[1987]] ruith iad a-rithist bho Dheas gu Tuath, agus ràinig seachdnar bho 11 an Gearasdan. Ghabh Jim Stewart thairis stiùireadh an tachartais ann an 1991 nuair a bha am frith-rathad deiseil gu h-oifigeil, an cuairt air atharrachadh, a-nis 153km de dh'fhaid le dìreach 15km air rathad, le barrachd streip, agus le sin an t-slighe air fad nas doirbhe. Bhiodh na còmhstrithich air an t-slighe na b' aide a-nis agus bhiodh tuilleadh a' cosg dàrna oidhche air.
 
Ann an 2009 ràinig 122 an Gearasdan. Tha 514 air an t-slighe air fad a ruith gu h-oifigeil, agus rinn Jim Drummond e 14 tursan.
 
'S e am fear as luaithe gu ruige seo Jez Bragg à Solihull, a rinn e ann an 15:44:50 a' tòiseachadh air 24 an Ògmhios [[2006]]. 'S i an tè as luaithe Caggy Hamilton à [[Sruighlea]] a rinn e ann an 17:16:20 ann an 2007.