An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Aonghas Pàdraig Caimbeul"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 5:
As dèidh an Oilthigh, chaidh Aonghas Pàdraig a dh'obair na fhear-naidheachd do Phàipear Beag an Eilein Sgitheanaich, agus an uair sin chun [[BBC|a’ BhBC]] agus gu [[Telebhisean Ghrampian]].
 
Tha e air grunn leabhraichean a thoirt a-mach mar tha - dà chruinneachadh de bhàrdachd agus còig nobhailean goirid airson nan sgoiltean. Ann an 2001 chaidh urram [[Crùn na Bàrdachd]] a thoirt dha leis [[An Comunn Gaidhealach|a' Chomunn Ghàidhealach]] aig [[Mod nan Eilean Siar]], agus anns a bhliadhna sin cuideachd fhuair e an duais chliùìteach 'Creative Scotland Award' bho Chomhairle nan Ealain. Tha e air a bhith na Sgrìobhaiche aig [[Sabhal Mòr Ostaig]] agus o chionn ghoirid chaidh obair [[Caidreachais Iain Mhic a' Ghobhainn]] aig [[Roinn na Gàidhealtachd]] a thoirt dha.
Aon uair, chluich e ball-coise ann an [[Cuach na h-Alba]] aig [[Pàirce Hampden]] an aghaidh [[Queen's Park]] ach ’s e sgeulachd eile a tha sin cuideachd! (Chaill iad 1-0!) Tha e fhèin ’s a bhean Liondsaidh a' fuireach ann an [[Slèite]] san Eilean Sgitheanach. Tha sianar chloinne aca, 's ged nach eil cù neo cat, tha leanabh beag. ’S e na sgrìobhadairean as fhèarr leis [[Leo Tolstoy|Tolstoy]], [[George Eliot]], [[Gabriel Garcia Marquez]], agus ’s e Alex Cropley aig Hibs an cluicheadair ball-coise as fheàrr a chunnaic e a' cluich beò.