An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Coimisean Napier"

Content deleted Content added
+ ceangal iw...
+ ISBN
Loidhne 4:
 
==Fo-eachdraidh==
Bha suidheachadh na Gàidhealtachd aig deireadh an 19mh linn glè dhuilich. Bha mòran de chroitearan ann am bochdainn, bha na mìltean air fàgal thairis air a’ chuan agus bha daoine fhathast air am fuadachadh a-mach às na bailtean aca gus tuathanasan [[Caora|chaorach]] a chruthachadh nan àite agus a chur air croitearan a dhol a dh’iasgachd. Bha màl a’ dìreadh fhad ’s a bha meudachd an fhearainn a’ cromadh. Bha na daoine gu tùr eisimealach air na h-uachdarain agus cha robh cothrom aca am beatha fhèin a stiùireadh. Cha robh tèarainteachd sam bith aca air an fhearann. Aig an aon àm ann an [[Èirinn]] thòisich croitearan air a bhith soirbheachail an aghaidh uachdaran le sgur màl a phàigheadh. Leis a’ bheachd Èirinneach chuir croitearan ann an [[Cille Mhoire]] san [[an t-Eilean Sgitheanach|Eilean Sgitheanach]] romhpa sgur am màl a phàigheadh agus mu dheireadh thall, às dèidh strì mh fhuair iad màl 25% na b’ ìsle ann an 1881. <ref>Hunter, James 1976. ''The Making of the Crofting Community''. Dùn Èideann, John MacDonald. ISBN 0859765377 Duilleag 133</ref>
 
==Upraid nan Croitearan==
Loidhne 11:
 
==An Coimisean==
Le sin chaidh coimisean a chur an cèill leis an riaghaltas gus sgrùdadh air suidheachadh eacanomaigeach agus sòisealta nan croitearan agus coitearan air a’ Ghàidhealtachd aig deireadh na 19mh linn. ’S e An t-Uasal [[ Francis Napier|Napier]] ceann a’ choimisean agus Calum MacNèill an Rùnaire. Chaidh iad timcheall air a’ Ghàidhealtachd bhon Chèitean 1883 agus dh’èist iad ri 775 duine (a’ mhòr-chuid anns a’ Ghàidhlig) ann an 61 àite. Chaidh a h-uile rud a sgrìobhadh sìos gu mionaideach agus eadar-theangachadh. Chaidh fhoillseachadh ann an [[1884]] anns a’ Bheurla. <ref name="Cameron"> Cameron, A.D. 1986. ''Go Listen to the Crofters'': The Napier Commission and Crofting a Century ago. Steòrnabhagh, Acair. ISBN 0861520637 Duilleag 123, 125</ref>
’S e obair fîor chudromach a rinn Coimisean Napier airson na Gàidhealtachd. B’ e sin a’ chiad turas a bha ùidh phoblach anns a’ Ghàidhealtachd agus ann an suidheachadh nan daoine, agus a’ chiad turas a chaidh oidhirp a dhèanamh faighinn a-mach mu dheidhinn seo. ’S e fianais cudromach a th’ anns na h-agallamhan, chan ann dìreach air sgàth ’s gun deach an dèanamh le mòran daoine air feadh na Gàidhealtachd ach gu h-àraidh air sgàth ’s gu bheil iad cho mionaideach agus air an innse leis na croitearan fhèin. Bha an coimisean ag iarraidh gum faigh gach duine ann an Alba cothrom an aithisg a leughadh agus gum biodh leth-bhreac de na leabhraichean anns gach leabharlann. <ref name="Cameron"/>