An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "České Budějovice"

Chaidh 32 baidht a chur ris ,  12 bhliadhna air ais
[[File:České Budějovice Square.jpg|thumb|left|200px|An ceàrnag mòr.]]
[[File:Presentation of Virgin Mary Church-České Budějovice.jpg|thumb|left|200px|Cùl Eaglais an Naoimh Moire.]]
Tha mòran togalaichean [[Gotach]], linn an [[Ath-bheothachadh|ath-bheòthachaidh]] is [[baroc]] ann an České Budějovice. ’S iad an fheadhainn as cudromaiche: [[Eaglais]] [[Moire|an Naoimh Moire]] bhon bhliadhna 1265 agus an “Černá věž” ( an ''Tùr Dubh'') bhon 16mh linn. Tha a’ chuid as motha dhiubh ann am meadhan eachdraidheil a’ bhaile a tha na laighe mu thimcheall ceàrnaig mòire le [[Talla-baille|talla a’ bhaile]] agus le [[Sràid fo dhìon|sràidean fo dhìon]] air gach taobh dhith. Tha meadhan a’ bhaile air a chuartachadh leis an dà abhainn agus le “Canàl a’ Mhuilinn”.
 
Anns a’ bhliadhna [[1827]] thòsich a’ chiad [[rathad-iarainn]] air a tharraing le [[each|eich]] air mòr-thìr [[an Roinn-Eòrpa|na Roinn Eòrpa]], ’s e a’ ruith eadar České Budějovice agus [[Linz]] san [[An Ostair|Ostair]] (bha an dà bhaile anns an [[Ìompaireachd Ostaireach]] aig an àm ud). Tha [[taigh-tasgaidh]] dhàdha a-nis sa bhaile.
 
Faisg air a’ bhaile (10km) tha an [[caisteal]] agus am baile ''[[Hluboká nad Vltavou]]'', no [[tobhta]] de [[caisteal|chaisteil]] aig [[Jan Žižka]] (gaisgeach nàiseanta Seiceach) ann an ''Trocnov''. Agus beagan nas fhada air falbh (30km) tha am baile ''[[Český Krumlov]]'' a tha air an liosta de làraichean dualchais na Cruinne aig [[Làrach Dhualchas na Cruinne|UNESCO]].
{{-}}
 
493

deasachadh