An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Edward Said"

Chaidh 43 baidht a chur ris ,  12 bhliadhna air ais
b
gun ghearr-chunntas deasachaidh
(+ dealbh)
b
[[File:SaidSis.jpg|thumb|right|Eideard Said nuair a bha e na bhalach òg còmhla ris a phiutair]]
B' e sgoilear Palastainianach a bh’ ann an '''Edward Wadi Said''' a rugadh ann an [[Ierusalem]] ann an [[1 an t-Samhain]] [[1935]] nuair a bha [[Palastain]] fo smachd Ìompaireachd Bhreatainn. Ged a b’ e Crìosdaidhean a bhuineadh dha Eaglais Shasainn (an Eaglais Easbaigeach) a bha san teaghlach aige, thuirt Said ma dheidhinn fhèin gur e “''Crìosdaidh còmhdaichte ann an cultar Muslamach''” a bh’ ann dheth. Chuir e seachad a' chuid bu mhotha de bhliadhnaichean fhìor-òigridh ann an sgoiltean Ierusalem, ach an dèidh a' chogaidh eadar na h-Iùdhaich agus na h-Arabaich ann an 1948 ghluais e fhèin agus a theaghlach gu [[Cairo]] far an robh bùth aig athair. An dèidh dha a bhith a' frithealadh àrd-sgoil ainmeil anns [[an Èipheit]], chuir e crìoch air a chuid foghlaim anns [[na Stàitean Aonaichte]] aig Oilthigh Phrinceton agus [[Oilthigh Harvard]]; agus an dèidh greis fhuair e dreuchd mar ollamh ann an litreachas na Beurla aig Oilthigh Cholumbia ann an [[Eabhraig Nuadh (baile)|New York]]. Bhiodh e gu tric a' càineadh poileasaidhean stàit [[Iosrael]] is e a' toirt taic do mhuinntir Phalastain. Tha e ainmeil airson an leabhair 'Orientalism' a sgrìobh e mu bhuaidh ìompaireachdan na [[an Roinn Eòrpa|Roinn Eòrpa]] air seallaidhean an luchd-ealain Eòrpaich mu choinneamh coimhearsnachdan, cànanan is cultar an [[An Ear Mheadhanach|Ear-Mheadhanaich]] is Àisia a Deas. Cho math ri bhith na sgoilear cliùiteach a thaobh litreachais bha Said cuideachd na neach-ciùil gu math ealanta air a' phiàno. An dèidh dha a bhith a' fulang le [[aillse]] airson còrr is deich bliadhna, fhuair e bàs ann an [[25 an t-Sultain]] [[2003]].
 
==Aistean co-cheangailte==
32,506

deasachadh