An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Edward Said"

Chaidh 296 baidht a chur ris ,  12 bhliadhna air ais
gun ghearr-chunntas deasachaidh
[[Image:Edward-Said.jpg|250px|thumb|right|Eideard Said]]
 
B' e sgoilear PalistinianachPalestinianach a bh’ ann an Edward Wadi Said a rugadh ann an [[Ierusalem]] ann an 1935 nuair a bha Palestine fo smachd Ìompaireachd Bhreatainn. Ged a b’ e Crìosdaidhean a bhuineadh dha Eaglais Shasainn (an Eaglais Easbaigeach) a bha san teaghlach aige, thuirt Said ma dheidhinn fhèin gur e “''Crìosdaidh còmhdaichte ann an cultar Muslamach''” a bh’ ann dheth. Chuir e seachad a' chuid bu mhotha de bhliadhnaichean fhìor-òigridh ann an sgoiltean Ierusalem, ach an dèidh a' chogaidh eadar na h-Iùdhaich agus na h-Arabaich ann an 1948 ghluais e fhèin agus a theaghlach gu Cairo far an robh bùth aig athair. ChrìochnaichAn dèidh dha a bhith a' frithealadh àrd-sgoil ainmeil anns an Èipheit, chuir e crìoch air a chuid foghlaim anns na Stàitean Aonaichte aig Oilthigh Phrinceton agus Oilthigh Harvard; agus an dèidh greis fhuair e dreuchd mar ollamh ann an litreachas na Beurla aig Oilthigh Cholumbia ann an New York. Bhiodh e gu tric a' càineadh poileasaidhean stàit Israel is e a' toirt taic do mhuinntir Phalestine. Tha e ainmeil airson an leabhair 'Orientalism' a sgrìobh e mu bhuaidh ìompaireachdan na Roinn Eòrpa air seallaidhean an luchd-ealain Eòrpaich mu choinneamh coimhearsnachdan, cànanan is cultar an Ear-Mheadhanaich is Àisia a Deas. Cho math ri bhith na sgoilear cliùiteach a thaobh litreachais bha Said cuideachd na shàr-neach-ciùil gu math ealanta air a' phiàno. An dèidh dha a bhith a' fulang le aillse airson còrr is deich bliadhna, fhuair e bàs ann an 2003.
 
Á==Aistean co-cheangailte==
Cleachdaiche gun ainm