An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ùr-sgeul"

Content deleted Content added
+ àireamhan ISBN, + ceanglaichean gu aistean eile
Loidhne 13:
== Dòighean eadar-dhealaichte ==
 
Tha Ùr-Sgeul a' feuchainn ri doighean ùra eadar-dhealaichte a chleachdadh gus [[litreachas]] Gàidhlig a thoirt gu aire an t-sluaigh. Ann an 2008, dh'fhoillsich Ùr-sgeul clàr le ceòl ròc agus rosg a' tighinn còmhla, nuair a rinn iad CD le òran bhon chomhlan-ciùil [[Na Gathan]], fon ainm Ruigidh Sinn Mars.<ref>Gaelic punk by way of Seattle; Skye band Na Gathan set for boundary-breaking gig. ''The Highland News'' (13-12-08)</ref> Bha tri sgeulachdan bho triùir sgrìobhadairean eadar-dhealaichte: Iain MacIlleathain, Màiri Anna NicDhòmhnaill agus Seonaidh Adams, air an CD seo. Bha na sgeulachdan air an CD air an toirt bho leabhraichean a chaidh fhoillseachadh le Ùr-Sgeul ann an 2008, le deasachadh sònraichte dhen leabhraichean ann an 2009 (aon leabhar le còmhdach-cruaidh), fon ainm An Claigeann aig Damien Hirst agus Sgeulachdan Eile. 'S iad na sgriobhadairean eile a tha a' nochdadh sa leabhar: [[Alasdair Caimbeul]] (Alasdair a' Bhocsair), Màiri E. NicLeòid, Pàdraig MacAoidh, Mìcheal Klevenhaus, Mona Claudia Striewe, Alison Lang, Dòmhnall Iain MacÌomhair, Cairistìona Stone, Steafan MacRisnidh, Màrtainn Mac an t-Saoir, Iain Cuimeanach, Màiri NicAmhlaidh Dùn Èideann, Ishi NicIlleathain, Maoilios Caimbeul, Des Scholes, Charles Tripp, Màiri Flòraidh Nic a' Phiocair agus Catrìona Lexy Chaimbeul.
 
== Leabhraichean ==