An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ùr-sgeul"

Content deleted Content added
a' toirt air falbh an naidheachd
Beagan a bharrachd fiosrachaidh ceangailte ris an iomairt Ur-Sgeul
Loidhne 1:
'S e iomairt-foillseachaidh neo-eisimeileach a th' ann an '''Ùr-Sgeul''', le cuideam air [[rosg]] [[Gàidhlig]] ùr.
Se iomairt foillsichidh a tha ann an '''Ùr-sgeul''', a tha a’ ruith le taic bho [[Comhairle nan Leabhraichean]]. Chuir e a-mach mòran [[rosg]] ùr, [[sgeulachd goirid|sgeulachdan goirid]] mar [[Ath-aithne]], [[nobhaileag]]an mar [[Am Miseanaraidh]] agus [[nobhail]]ean mar [[An Oidhche mus do Sheòl Sinn]]. Tha iad a’ cleachdadh clò-bhualadh 7c nas fheàrr na foillseachadh na Gàidhlig a chaidh roimhe, air sgàth gu bheil tuilleadh [[airgead-sgaoilidh|airgid]] aca.
 
== Eachdraidh ==
 
Chaidh Ùr-sgeul a chur air bhonn ann an 2003 gus rosg Gàidhlig ùr a bhrosnachadh. 'S e [[Comhairle nan Leabhraichean]] a chur air chois an iomairt, le taic-airgid £50k tro Chomhairle nan Ealain (an Writers Factory)<ref>Storey, John (2007) "Ùr-Sgeul: Ag Ùrachadh Litreachas is Cultar na Gàidhlig . . . Dè an Ath Cheum?" ''Edinburgh University Seminars on Research on Language Policy and Language Planning.''</ref>. Ann an uine ghoirid, tha an iomairt air leabhraichean Gàidhlig ùra fhoillseachadh bho dhiofar sgrìobhadairean agus taic a thoirt do ath-nuadhachadh an [[nobhail]] ann an Gàidhlig san 21mh Linn.<ref>Wringe, Mark (2006) “Normalising the Gaelic Novel - an interim review of the success of the Ùr-Sgeul initiative” ''Forum for the Languages of Scotland and Ulster''</ref>
 
Bhuannaig a' chiad leabhar an nochd anns an sreath, Ath-Aithne le Màrtainn Mac an t-Saoir, duais an Saltire Society airson First Book of the Year, ann an 2003.<ref>Saltire Society website, 2003 - http://www.saltiresociety.org.uk/literary.htm</ref> A-measg nan leabhraichean eile a chaidh fhoillseachadh, tha an nobhail mhòr, An Oidhche Mus Do Sheòl Sinn]] le [[Aonghas Pàdraig Caimbeul. Chaidh seo air an liosta ghoirid airson priomh dhuais-litreachais an Saltire Society an 2004.<ref>"An Oidhche Mus Do Sheòl Sinn" ''The List'' (1/1/2005)</ref>
 
Ann an 2008, chaidh suil a thoirt air Ùr-Sgeul tro phrogram-telebhisein fon sreath Ealtainn air BBC 2.
 
 
== Dòighean eadar-dhealaichte ==
 
Tha Ùr-Sgeul a' feuchainn ri doighean ùra eadar-dhealaichte a chleachdadh gus [[litreachas]] Gàidhlig a thoirt gu aire an t-sluaigh. Ann an 2008, dh'fhoillsich Ùr-sgeul clàr le ceòl ròc agus rosg a' tighinn còmhla, nuair a rinn iad CD le òran bhon chomhlan-ciùil [[Na Gathan]], fon ainm Ruigidh Sinn Mars.<ref>Gaelic punk by way of Seattle; Skye band Na Gathan set for boundary-breaking gig. ''The Highland News'' (13-12-08)</ref> Bha tri sgeulachdan bho triùir sgrìobhadairean eadar-dhealaichte: Iain MacIlleathain, Màiri Anna NicDhòmhnaill agus Seonaidh Adams, air an CD seo. Bha na sgeulachdan air an CD air an toirt bho leabhraichean a chaidh fhoillseachadh le Ùr-Sgeul ann an 2008, le deasachadh sònraichte dhen leabhraichean ann an 2009 (aon leabhar le còmhdach-cruaidh), fon ainm An Claigeann aig Damien Hirst agus Sgeulachdan Eile. 'S iad na sgriobhadairean eile a tha a' nochdadh sa leabhar: Alasdair Caimbeul (Alasdair a' Bhocsair), Màiri E. NicLeòid Pàdraig MacAoidh, Mìcheal Klevenhaus, Mona Claudia Striewe, Alison Lang, Dòmhnall Iain MacÌomhair, Cairistìona Stone, Steafan MacRisnidh, Màrtainn Mac an t-Saoir, Iain Cuimeanach, Màiri NicAmhlaidh Dùn Èideann, Ishi NicIlleathain, Maoilios Caimbeul, Des Scholes, Charles Tripp, Màiri Flòraidh Nic a' Phiocair agus Catrìona Lexy Chaimbeul
 
== Leabhraichean ==
 
*An Claigeann aig Damien Hirst Vol 3 (pàipear) - Sgeulachdan 15-21, 2008
*An Claigeann aig Damien Hirst Vol 2 (pàipear) - Sgeulachdan 8-14, 2008
*An Claigeann aig Damien Hirst Vol 1 (pàipear) - Sgeulachdan 1-7, 2008
*Taingeil Toilichte le Norma NicLeòid, 2008
*Am Bounty le Iain F. MacLeoid, 2008
*An Latha as Fhaide le Martainn Mac an t-Saoir, 2008
*Diomhanas le Fionnlagh MacLeoid, 2008
*Cleas Sgathain le Mairi Anna NicDhomhnaill, 2008
*Slaightearan le Tormod MacGill-Eain, 2008
*An Taigh-Samhraidh le Aonghas Padraig Caimbeul, 2007
*Malairt Sgeil le Donnchadh MacGillIosa agus Martainn Mac an t-Saoir, 2007
*Shrapnel le Tormod Caimbeul – Tormod a’ Bhocsair, 2006
*Ùpraid le Éilís Ní Dhuibhne (eadar-theangachadh bho Gaeilge), 2006
*Dìleas Donn le Norma NicLeòid, 2006
*Gymnippers Diciadain le Màrtainn Mac an t-Saoir, 2005
*Na Klondkyers le Iain F. MacLeòid, 2005
*Am Miseanaraidh le Iain Mac a’ Ghobhainn, 2005
*Dacha Mo Ghaoil le Tormod MacGill-Eain, 2005
*Là a’ Dèanamh Sgèil Do Là le Aonghas Pàdraig Caimbeul, 2004
*Tocasaid ‘Ain Tuirc le Donnchadh MacGIlliosa, 2004
*An Oidhche Mus Do Sheòl Sinn le Aonghas Pàdraig Caimbeul, 2003
*Ath-Aithne le Màrtainn Mac an t-Saoir, 2003
 
== Leabhraichean-èisteachd ==
 
*Shrapnel le Tormod Caimbeul – 4 CD set, 2007
*Gymnippers Diciadain le Màrtainn Mac an t-Saoir – DVD, 2007
*Na Klondkyers le Iain F. MacLeòid – DVD, 2007
*Là a’ Dèanamh Sgèil Do Là le Aonghas Pàdraig Caimbeul – DVD, 2007
*Am Miseanaraidh le Iain Mac a’ Ghobhainn – 2 CD set, 2005
*Dacha Mo Ghaoil le Tormod MacGill-Eain – 3 CD set, 2005
*Tocasaid ‘Ain Tuirc le Donnchadh MacGIlliosa. – 3 CD set, 2005
*Ath-Aithne le Màrtainn Mac an t-Saoir – 6 CD set, 2004
 
 
== Foillsichean eile ==
 
*Ruigidh Sinn Mars le Na Gathan - CD, 2008
 
 
==Notes==
<references />
 
 
==External links==
 
* [http://www.ur-sgeul.com Ùr-Sgeul website]
* [http://www.ur-sgeul.com/mars Na Gathan Ruigidh Sinn Mars website]
 
[[category:cultar]]
[[en:ÙrsgeulÙr-Sgeul]]
[[en:Publishers]]
[[en:Scottish Gaelic Language]]