An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Eige"

Content deleted Content added
No edit summary
sgiob.
Loidhne 1:
[[File:TyEigg20030828r22f23.jpg|thumb|right|250px|Eige; sealladh bhon aiseig eadar Mallaig is Armadale]]
[[File:Eigg.AnSgurr.Canthusus.jpg|thumb|250px|An Sgurr, a' bheinn as àirde air an eilean]]
'S e aon de [[na h-Eileanan Tarsainn]] a tha ann an '''Eige''' ([[IPA]]: [ˈekʲə] ). Tha e suidhichte anns [[na h-Eileanan a-staigh]] sanair àird a deas [[an t-Eilean Sgitheanach|an Eilein Sgitheanaich]] agus sanair àird a thuath leth-eilean [[AirdÀird nam Murchan]]. Tha Eige 9 cilemeatair a dh’ fhad agus 5 cilemeatair a leud. Le 12 mìltean ceàrnagach de mheud 's e Eige an dàrna eilean as motha de na h-Eileanan Tarsainn. Anns a’ bhliadhna 2008 bha timcheall air 85 duine a’ fuireach anns an eilean fhèin. Tha an cuid as motha de na daoine a’ fuireach ann an Cleadale.
'S e tuineachaidhean eile a tha ann an Kildonnan agus Galmisdale.
 
Loidhne 7:
Ann am meadhan Eige tha [[àrd-thìr]] ann a tha còmhdaichte le [[monadh]].
 
Tha an aiseag MV Loch Nibheis a’ ruith eadar [[Mallaig]] is [[Canaigh]], Eige, [[Rùm]] is [[Eilean nam Muc]]. Tha an cidhe faisg air Galmisdale. Tha taigh-solais ann an Eilean Chathasteil dìreach sanair àird an earra-dheas Ghalmisdale. Ged as urrainn don aiseig càraichean a thoirt leatha, chan eil e ceadaichte do luchd-turais càraichean a chleachdadh air Eige.
 
Anns a’ bhliadhna 1997 cheannaich muinntir an àite an t-eilean.