An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Cuthag"

Content deleted Content added
Loidhne 34:
 
* '''Cho cloimheach ris a' chuthaig.'''
* Tha dìthean ann air am bheil "'''bròg na cuthaig'''" no "'''fròg na cuthaig'''"; agus fear eile, "'''flùr na cuthaig'''".
* Canar "'''glasanach na cuthaige'''" ri beul an latha agus "'''cuthag-chluaise'''" a theirear ri cuideigin, gu h-àraid clann, a dh' innseas air daoine eile. Mar sin, tha ràdh ann a tha cur sìos air sin; '''"Ge binn leinn a' chuthag cha bhinn leinn cuthag-chluaise."'''
* Theirear "'''gocan na cuthaige'''" ris an eun a leanas oirre.
* '''cho sona ri cuthag ann an nead a coimhearsnaich'''
* "'''Sneachda na Caisge, sneachda nan uan agus sneachda na cuthaige'''". Ma thig na tri sneachdan sin, bidh an samhradh math.
* Canar "'''glasadh na cuthaige'''" ris an t-sneachd bheag a chuirear tràth ron t-samhraidh.
* Theirear "'''cur air ruith na cuthaige'''" airson a bhith a' cur neach air ghocaireachd, no air gnothaich gun fheum.
* San linn a chaidh seachad, nan do dh' innseadh cuideigin do chàch gun do chuala e a' chuthag "'''gun bhiadh na bhroinn'''", bha e ag ràdh nach robh e air ithe mun do chuala e goirsinn na cuthaige airson a' chiad uair dhen bhliadhna; agus bhathar a' meas gur e bliadhna mhì-shealbhach a leanadh sin..<ref>[http://www.dwelly.info/ Dwelly air loidhne ]</ref>