An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Eilean Ruisteil"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 2:
'S e aon de [[na h-Eileanan Samhraidh]] a tha ann an '''Eilean Ruisteil''' (Beurla: ''Isle Ristol''). Tha [[Eilean Mullagrach]] san àird an iar dheth. 'S e seo am fear de na h-eileanan Samhraidh a tha as faisge air mòr-thìr na h-Alba. 'S e seo na [[Co-chomharran an Domhain|co-chomharran]] aige: 58° 2′ 39.06″ Tuath agus 5° 26′ 14.12″ Iar. Tha e suidhichte mu 19 cilemeatair san àird a thuath [[Ullapul]] ann an Taobh Siar Rois. 'S urrainnear a dhol ann le [[bàta]] à Old Dornie.
 
Tha e cho farsaing ri 225 heactair (0,87 mìltean ceàrnagach). Tha an t-àite as àirde cho àrd ri 71 meatair neo 233 troigh. San taobh tuath tha tràigh ann air a bheil an t-ainm: "Tràigh an t-Seann Bhaile". San àird a tuath an eilein tha Loch an Alltain Duibh, agus canar "Caolas Eilean Ristol" ris a' chaolas eadar an eilean agus Old Dornie.
 
An-diugh 's e ''Scottish Wildlife Trust Reserve'' a th' ann.<ref>[http://www.swt.org.uk/wildlife/popup_reserves/north/isleristol.htm Scottish Wildlife Trust Reserve, Isle Ristol]</ref> Chan eil duine sam bith a’ fuireach an seo.