An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Lios Mòr"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 3:
'S e aon de [[na h-Eileanan a-staigh]] a tha ann an '''Lios Mòr''' ([[IPA]]: [ʎis̪ moːɾ]) Tha e suidhichte san àird an iar na h-[[Alba]]. Tha e san àird an earra-thuath [[Muile|Mhuile]] ann [[an Loch Dubh]]. Bha an t-eilean aig an t-Siorrachd traidiseanta [[Earra-Ghaidheal]]; a-nise tha e fo smachd Comhairle [[ Earra-Ghaidheal agus Bòd]].
 
Tha Lios Mòr 12 cilemeatair a dh’ fhad agus 2 cilemeatair a leud le 5,809 acair ceàrnagach de mheud. 'S e [[AchnacroishAchadh na Croise]] am baile as motha.
'S e Barr Mòr (127 meatair; 416.7 troigh) a’ bheinn as àirde anns an eilean. Tha Taigh-Solais Lios Mhòir suidhichte airann an [[Eilean Musdile]] san àirde an iar deas Lios Mhòir. Chaidh an taigh-solais a thogail le [[Robert Stevenson]].
Tha broch Cruithneach faisg air Tirfuir, tha na ballaichean aige cho àrd ri 15 troighean agus cho tiugh ri 19 troighean. Cuideachd tha dà chaisteal às an 13mh linn ann, Caisteal Choeffin agus Caisteal Achanduin.
 
Loidhne 13:
Tha Lios Mòr ceangailte le Tìr mòr na h-Alba le dà aiseag. Tha an t-aiseag airson chàraichean a’ ruith don [[Oban]], agus aiseag airson daoine a-mhàin eadar ceann a tuath na h-eilean agus [[Port Appin]].
 
B’àbhaist do Lios Mòr a bhith na teas-mheadan [[Crìosdaidheachd]]. Bha manachainn ann a chaidh a chuir air bonn le Naomh Moluag, (530 - 592), manach à [[ErinnÈirinn]] co-aoiseach le [[Calum Cille]]. Anns na [[Meadhan-Aoisean]] bhiodh easbaigean [[Earra-Ghaidheal]] a’ fuireach ann an Caisteal Achanduin gus an [[16mh linn]].
 
==Iomraidhean==