An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rùm"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 6:
Tha [[Ceann Locha]] ([[Beurla]]: ''Kinloch'') na [[clachan]] as motha air an eilean, tha e suidhichte san àird an ear an eilean aig ceann ''Loch Scresort'', far a bheil am port-mara cuideachd. Tha Caisteal Cinn Locha faisg air a' bhaile a chaidh a thogail ann an 1900. 'S e "A' Bhrideanach" an t-àite as fhaide san iar dhen eilean. 'S e [[Askival]] (812 meatair/2,664 troigh) a’ [[beinn|bheinn]] as àirde a tha air an eilean. Tha i suidhichte mu 5 cilemeatair san àird a deas Cinn Locha. Canar "Na Cuilthionnan Ruma" leis na beanntain air an eilean, tha iad eadar-dhealaichte bho na [[An Cuiltheann|Cuiltheann]] air an eilean Sgitheanach.
 
Anns a’ bhliadhna 2008 bha timcheall air 30 daoine a’ fuireach air an eilean fhèin, tha iad uile ann an Ceann Locha. Tha an cuid as motha dhiubh ag obair mar rannsachair neo luchd-obrach airson ''Scottish Natural Heritage''. Tha iad ann còmhla leis an teaghlach aca, mar sin tha bun–sgoil beag ann le dìreach [[tidsear]] a-mhàin. Tha talla a’ bhaile, [[bùth]] agus oifis a’ phuist ann an Ceann Locha cuideachd, ach chan eil taigh-seinnse neo eaglais ann. <ref>[http://www.isleofrum.com/frequentlyaskedq.html "Frequently Asked Questions"] Isle of Rum community. a' tarraing air 27 an Dàmhair 2007.</ref> Tha an aiseag [[MV Loch Nibheis]] a’ ruith eadar [[Mallaig]] is [[Canaigh]], Eige, Rùm is [[Eilean nam Muc]].
 
== Eachdraidh ==
Bha daoine a’ fuireach air Rùm bhon 8mh linn [[RC]], bha na [[Lochlannaich]] ann cuideachd.
B’’abhaist a bhith timcheall air 450 duine a’ fuireach air an eilean. Ach eadar 1826 is 1828, aig àm nan Fuadaichean, dh’fheumadh a-uile duine an eilean fhagail cuir fo chaoraich airson [[caora]]ich a ruith air Rùm. Dh’fhag 300 duine gu [[Alba Nuadh]] ann an 1826, agus an corr dhiubh ann an 1828 còmha ri 150 duine à [[Eilean nam Muc]].<ref>Love, J.A. "Rhum's Human History" in Clutton-Brock and Ball (1987) duilleag 39-40.</ref> Thuirt fianais-shùl a bha ann nach do dìochuimhnich e gu siorraidh brath:
<blockquote>
"''the wild outcries of the men and heart-breaking wails of the women and children filled all the air between the mountain shores''".<ref>Waugh, Edwin (1882) ''The Limping Pilgrim'' quoting an unknown shepherd. Recorded in Love, J.A. "Rhum's Human History" in Clutton-Brock and Ball (1987) duilleag 40.</ref></blockquote>
== Iomraidhean ==
<references/>
 
{{Commons|Category:Rum, Scotland|Rùm}}