An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Somhairle MacGill-Eain"

Content deleted Content added
+ dataichean
Loidhne 8:
Air gach taobh bha na daoine bhon tàinig e tàlantach a thaobh òran, ciùil agus bàrdachd. Bha dithis pheathraichean agus ceathrar bhràithrean anns an aon teaghlach ri Somhairle agus bha tàlantan sònraichte nam measg fhèin cuideachd.
 
Dh'fhàs e an-àird le beartas de [[beul-aithris|bheul-aithris]] ga chuairteachadh agus còmhla ri sin bha e geur-mhothachail air eachdraidh riaslach a dhaoine tro na linntean. Ghabh bràthair a sheanar pàirt anns an t-strì ainmeil a ghabh àite ann am [[Bràighe]] an [[an t-Eilean Sgitheanach|Eilean Sgitheanaich]] ann an 1882. Bha cuimhne nan tachartasan sin fhathast beò air beul an t-sluaigh an uair a bha Somhairle òg agus tha a h-uile coltas gun do rinn iad làrach dhomhain ann.
 
Fhad's a bha e anns an oilthigh choinnich e ri feadhainn dhan tug e àite mòr a thaobh litreachais. Nam measg sin bha [[Seumas Caird]] agus Seòras Elder Davie agus bha càirdeas dlùth eadar an triùir aca. An uair a bha e na oileanach gus dreuchd na teagasg a thoirt a-mach choinnich e ri [[Uisdean MacDhiarmaid]]. Bha tarraing mhòr eadar an dithis agus lean sin gus an do bhàsaich MacDhiarmaid ann an 1978. Tha gu leòr den bheachd gun do ràinig Somhairle MacGill-Eain inbhe a cheart cho urramach mar bhàrd ri MacDhiarmaid agus ri [[Edwin Muir]].
 
Thòisich Somhairle a' teagaisg anns an àrd-sgoil ann am [[Port Rìgh]] ann an 1934 agus ghluais e do [[Tobar Mhoire|Thobar Mhoire]] ann an 1938. Tha e fhèin a' dèanamh aithnichte gun robh buaidh mhòr aig àilleachd, trioblaidean agus eachdraidh Mhuile air. Is ann dhan àm sin a bhuineas a' bhàrdachd dhrùidhteach "[[Ban-Ghaidheal]]".
 
Ann an 1939 chaidh e a [[Dùn Èideann|Dhùn Éideann]]. Choinnich e an sin a-rithist ri [[Raibeart Garioch]] air an robh e eòlach mar bhàrd bho bha iad san oilthigh. Nochd leabhran de bhàrdachd an dithis, "Seventeen Songs for Sixpence", ann an 1940.
 
== Dàin do Eimhir ==