An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Somhairle MacGill-Eain"

Content deleted Content added
interwiki fr
+ dataichean
Loidhne 1:
[[Image:Somhairlemacgilleain2.png|right|300px|thumb|Somhairle MacGill-Eain]]
 
'S e prìomh bhàrd [[Gàidhlig]] an fhicheadaimh linn a bh' ann an '''Somhairle MacGill-Eain'''. Dh' atharraich e saoghal [[bàrdachd]] na [[Gàidhlig]] gu tur nuair a dh'fhoillsich e '[[Dàin do Eimhir]]' ann an 1941. Tha an sreath bàrdachd seo a' suathadh air gaol, briseadh-cridhe, [[An Cuilthionn]], cogadh nam brathair Spainnteach, [[Uisdean MacDiarmaid]], [[communachas]] is [[nàiseantachas]], uaireannan anns an aon dàn.
 
== Sgeulachd Beatha ==
Rugadh Somhairle MacGill-Eain ann an [[26 an Damhair]] [[1911]] ann an [[Osgaig]], baile beag ann an [[Eilean Ratharsair]]. Fhuair e foghlam òige an toiseach ann an [[Ratharsair]] fhèin agus an uair sin anns an àrd-sgoil ann am [[Port Rìgh]]. Chaidh e dhan oilthigh ann an Dùn Éideann ann an 1929.
 
Air gach taobh bha na daoine bhon tàinig e tàlantach a thaobh òran, ciùil agus bàrdachd. Bha dithis pheathraichean agus ceathrar bhràithrean anns an aon teaghlach ri Somhairle agus bha tàlantan sònraichte nam measg fhèin cuideachd.
Loidhne 35:
Tha raointean farsaing a' fosgladh romhainn anns an t-saothair aig Somhairle MacGill-Eain agus tha sinn mothachail air bàrd Gàidhlig a' sìneadh a-mach agus a' cleachdadh a mhac-meanmna gus cruthan ùra a dhealbh agus a thoirt am follais.
 
Bhàsaich e anns[[24 an t-Samhain]] [[1996]] agus dh'fhàg e dìleab luachmhor às a dhèidh aig saoghal na Gàidhlig agus aig saoghal litreachais.
 
==Tuilleadh fiosrachaidh==