An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Aonghas Pàdraig Caimbeul"

Content deleted Content added
bNo edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
'S ann as [[An Leth Mheadhanach]] ann an [[Uibhist a Deas]] a tha Aonghas Pàdraig Caimbeul (no Aonghas Phàdraig, mar a chanas a choimhearsnachd fhèin sa cheann a deas). Chaidh e gu Sgoil Gheàrraidh na Mònadh agus an uair sin gu Àrd-Sgoil an Obain, far an do ghabh e ùidh ann an litreachas fo stiùir an neach-teagaisg Bheurla aige, [[Iain Mac a' Ghobhainn]] nach maireann.
 
Chaidh Aonghas Pàdraig an uarsinuajrsin gu [[Oilthigh Dhùn Eideann]], far an tug e a-mach Ceum le Urram ann am Poileataigs agus Eachdraidh. Fhad 's a bha e san Oilthigh fhuair e misneachd mhòr a thaobh a chuid sgrìobhaidh bho [[Somhairle MacGill-Eain|Shomhairle MacGill-Eain]], a bha na Sgrìobhaiche aig an Oilthigh aig an àm.
 
As dèidh an Oilthigh, chaidh Aonghas Pàdraig a dh'obair na fhear-naidheachd do Phàipear Beag an Eilein Sgitheanaich, agus an uair sin chun [[BBC|a’ BhBC]] agus gu [[Telebhisean Ghrampian]].