An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Inneal-smùide"

Content deleted Content added
b Dìonta Inneal-stoith [edit=autoconfirmed:move=autoconfirmed]
bNo edit summary
Loidhne 1:
Is e a tha ann an '''inneal-stoith''', [[inneal]] teis, tiomanaichte leis an lùth a tha ann an [[stoth]].
Is e a tha ann an stoth an [[aile]] cruthaichte le goileadh [[uisge]].
 
Is feart do stoth, gu bheil a thoirt aig teasad de 100°C agus bruthachd caighdeanachd (760mm Hg) mu 1400 uiread toirt an uisge aig a h-aon teasad.
Loidhne 10:
 
Tha eagar an t-innil soillear anns an dealbh. Chaidh togail air innealan mar seo ri taobh '''sloc an taosgaidh''' – toll inghar, mu deidhinn 2m anns an leud, a rachadh sios do trannsa b’ isle na mèine. Bhiodh Taosgaire-Sàthaidh suidhichte ann an slugan aig bun an t-sluic, le a shlat-thiomain na shineadh suas, a mach a beul an t-sluic, far an rachadh a h-altachadh, le slabhraidh, ri ceann a-muigh na '''Sail Mhòr'''.
 
Is e luamhan a tha anns an shail mhòr a pein, le ludag aig a leth-phuing a tha steidhichte air sorch calma ( mar is tric togta a-steach ri balla taigh an t-innil), Tha ceann na Sail Mhòr os cionn '''Slat an Taosgaire''' agus a ceann eile os cionn lar an Steallair. Tha Slat an Steallair ceangailte ri ceann a-stigh na Sail Mhòr, mar a tha Slat an Taosgaire ris a’ cheann a-muigh.. Mar sin, nuair a thuiteas Slat an Taosgaire bithidh an steallair ag eirigh agus nuair a bhitheas an steallair a’ dol sios bithidh Slat an Taosgaire ag eirigh.
 
Is anneamh gum bhiodh domhainnead sloc an taosgaidh nas lugha na 20 fathom (40m). Mar sin, bhiodh Slat an Taosgaire torr nas truime na ‘n steallair a crochadh far ceann eile na Saile agus suidheadh an t-innil aig fòs, mar a tha e anns an fhior-dhealbh, le Slat an Taosgaire sios agus an Steallaire suas.
 
A chuir an inneal a’ ruith, fosgaileadh '''Coc an Stoith''', agus '''Coc an Doirteil (D)'''. Srùitheadh stoithe às a’''' ghoileir''' a steachd ris an t-siorcair agus bhruitheadh an stoth an adhair a mach as an t-siorcair. Nuair a nochdadh stoth aig sput an doirteil, dhuineadh an da choc agus fosgaileadh '''Coc an Uisge (U)''', a’ stealladh uisge fuar, mar ceo, a-steachd ris an siorcair.
 
Bhiodh an t-uisge a’fuaradh an stoth, ga dluthadh ri uisge anns a bhàd agus ag aobharachadh falamhantas anns an t-siorcair. An luib seo, bhiodh cuideam an aile air steallair an innil, ga thiomain sios.
 
Nuair a thigeadh an steallair ri ceann iochdar a shiubhail, duineadh U, agus fosgaileadh Coc an Stoithe a-rithis. Sruitheadh Stoth don an t-siorcair, a’ briseadh am falamhantas agus a’ leigeil steallair an-innil a dh’eirigh a-rithis. Nuair a bhiodh an t-inneal a’ dol, cha fosgaileadh coc an doirteil airson gach strac, ach bho àm gu àm fhosgaileadh e a leigeil às an t-uisge dluithte a bhiodh na cruinneachadh aig bun an t-siorcair. Aig toiseach an [[18mh linn]] cha robh an teicneòlas ann a dheanamh siorcair eagnaidh, mar sin bhiodh an steallair uidheamichte le clàr leathair air an taobh uachdarachd agus gleidheadh an seul eadar siorcair agus steallair le uisge air mun an leathair, chumadh uisge ri seul an steallaire tro coc '''S'''.
 
Tha e soillear, nach e bruthachd stoithe ach falamhantas a'dh obraicheas innealan mar seo, agus is e cuideam Slat an Taosgaire a dh'aobhraicheas stràc-iomain d’an taosgaire. Is e obair an innil fhein a thogail Slat an Taosgaire a-rithis airson an ath sràc-thaosgaidh.
 
Chuireadh a' chiad Inneal Newcomein an gniomh mu deidhinn [[1712]], rè an seachad bliadhna as deidh sin, mun do thuraich [[Seumas Bhatt]] ([[1736]]-[[1819]]) inneal-stoith uidheamaichte le '''dluthadair''' fa-leth, thogadh cheudan dhaibh. Mhair ti neo dha dhan [[20mh linn]].
 
[[Category:Innleadaireachd]][[Category:Teicneòlas]]
[[category:innleadaireachd]][[category:teicneòlas]][[category:fiosag]]
 
[[ar:المحرك البخاري]]